"Turasachd shlaodach" ga brosnachadh

Glumagan nan Sìthichean Image copyright Richard Croft/Geograph

Cuiridh buidheann turasachd san Eilean Sgitheanach iomairt ùr air bhog Diciadain.

Tha Skye Connect ag iarraidh gum bi seòrsa turasachd nas slaodaiche ga dhèanamh le daoine, gum bi iad san eilean nas fhaide, agus ann an oidhirp am brosnachadh dhol gu àiteachan far nach eil uiread a' tadhal.

Tha turasachd air a bhith a' sìor fhàs san Eilean Sgitheanach anns na bliadhnaichean mu dheireadh, le cuid de na buidhnean turasachd as cliùitiche a th' ann ga mholadh do luchd-tadhail - chun na h-ìre 's gu bheil dragh air a bhith ann am measg cuid gu bheil an t-eilean ro thrang.

Diciadain, cuiridh a' bhuidheann Skye Connect iomairt ùr air dòigh air a bheil Skyetime.

Tha iad ag ràdh gum bi luchd-turais an-còmhnaidh airson tadhal air àiteachan mar an Stòrr agus Glumagan nan Sìthichean, ach gu bheil iad fhèin 'son rud ris an canar 'turasachd shlaodach' a thoirt air adhart - mar dhòigh air daoine a bhrosnachadh fuireach nas fhaide, agus a dhol gu àiteachan eile anns an eilean nach eil an-dràsta a' tarraing na h-uimhir de dhaoine.

Thèid an iomairt fhoillseachadh gu h-oifigeil aig co-labhairt SkyeConnect ann an Sligeachan.