Bhàsaich rothaiche an dèidh tubaist rathaid

Làrach na tubaiste air a' B9152 Image copyright Andrew Smith
Image caption Na Poilis aig làrach na tubaiste eadar Kia Picanto glas agus fear air baidhseagal.

Dhearbh na poilis gun do dh'eug fear aois 57 an dèidh tubaist le càr faisg air an Aghaidh Mhòr.

Thachair an tubaist feasgar Dhiluain mu 15:25 air am B9152, faisg air Loch Albhaidh a tha faisg air Ceann na Creige.

Chaidh an rothaiche a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòr ann an Inbhir Nis.

Thuirt na poilis gun do bhàsaich e an sin madainn Dhimàirt.

Tha iad ag ràdh nach deach dràibhear an Kia Picanto glas a bha an sàs san tubaist a ghoirteachadh.

Thuirt an Sàirdeant Gus Moireach:"Tha an rannsachadh againn a' leantainn agus aig ìre fìor thràth.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine a dh'fhaodadh a bhith air na thachair fhaicinn agus nach do bhruidhinn ris na Poilis fhathast a thighinn air adhart.

"Tha sinn gu h-àraid airson bruidhinn ri daoine aig a bheil dealbhan dashcam a dh'fhaodadh ar cuideachadh leis an sgrùdadh againn."