Sgeama ADS ga leudachadh

Itealan

Thèid sgeama fo am faigh daoine a tha a' fuireach ann an sgìrean iomallach faraidhean adhair nas saoire a leudachadh.

Chaidh an sgeama ùrachadh, agus a-niste gheibh barrachd dhaoine cothrom air lasachadh 50% air faraidhean adhair.

Bhon 1mh Giblean gheibh muinntir Ghallaibh gu lèir, agus barrachd sgìrean ann an Cataibh, cothrom air an sgeama.

Thig an sgeama a th' ann gu ceann 31mh Dùbhlachd 2020.

Gheibh oileanaich a tha air chùrsaichean sna sgìrean a tha an sgeama a' gabhail a-steach, ach a bhuineas do sgìrean eile, cothrom air na faraidhean nas saoire a-niste.

"Tha fhios againn gu bheil iarrtas mòr air Sgeama Lasachaidh nam Faraidhean Adhair, 's gu bheil pàirt cudromach aige ri chluich ann a bhith a' cumail nan coimhearsnachdan iomallach againn ceangailte," thuirt Rùnaire na Còmhdhai, Mìcheal MacMhathain.

"Mar sin dheth, tha mi gu math toilichte an sgeama ùrachadh agus a leudachadh.

"Tha sinn cuideachd ag iarraidh daoine a bhrosnachadh gus tighinn a dhèanamh chùrsaichean oideachaidh sna sgìrean seo, agus mar sin gheibh oileanaich aig na seachd colaistean ann an sgìre na sgeama cothrom air an sgeama," thuirt e.