Rothaiche air fhìor dhroch leòn

Làrach na tubaiste air a' B9152 Image copyright Andrew Smith
Image caption Na Poilis aig làrach na tubaiste eadar Kia Picanto glas agus fear air baidhseagal.

The fear aois 57 a' faighinn cùraim san ospadal an dèidh tubaiste le càr faisg air an Aghaidh Mhòir.

Thachair an tubaist feasgar Diluain mu 3:25f air a' B9152, faisg air Loch Albhaidh, a tha faisg air Ceann na Creige.

Chaidh an rothaiche a thoirt a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Thuirt na Poilis nach deach dràibhear an Kia Picanto glas a bha an sàs san tubaist a ghoirteachadh.

Thuirt an t-Sàirdeant Gus Moireach:" Tha an rannsachadh againn a' leantainn agus aig ìre fìor thràth.

"Tha sinn ag iarraidh air daoine a dh'fhaodadh a bhith air na thachair fhaicinn agus nach do bhruidhinn ris na Poilis fhathast a thighinn air adhart.

"Tha sinn gu h-àraid airson bruidhinn ri daoine aig a bheil dealbhan dashcam a dh'fhaodadh ar cuideachadh leis an sgrùdadh againn."