Ceann-là airson stailc luchd-iùil nam plèanaichean

Itealan a' laighe

Bidh luchd-iùil aig Puirt Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) a' dol air stailc air 26mh den Ghiblein.

Tha aimhreit eadar buill an aonaidh Prospect agus HIAL mun tairsge pàighidh as ùr a thathar a' tabhann orra.

A thuilleadh air stailc cha dèan an luchd-iùil ach obair a rèir a' chlàr-ama obrach aca agus bi casg air uairean obrach a bharrachd.

Tòisichidh sin air 1mh den Ghiblein agus leanaidh e gu 31mh den Lùnasdal.

Thuirt Prospect gu robh iad airson obrachadh le HIAL airson dèanamh cinnteach gum biodh luchd-iùil ri fhaotainn nan robh èiginn ann.

Bhiodh buaidh aig stailc air seachd dhe na h-aon phort-adhair deug a tha an urra ri HIAL.

'S iad Beinn nam Faghla, Dùn Dè, Inbhir Nis, Baile na h-Eaglaise, Steòrnabhagh, Sumburgh agus Inbhir Ùige.