Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 Am Màrt 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist air an A87

Tha am prìomh rathad a-mach agus a-staigh san Eilean Sgitheanach, an A87, dùinte gu lèir faisg air Taigh-Òsta Chluainidh. Chaidh car de thancair connaidh an sin mu 08:30m agus chaidh an dràibhear a thogail ann an heileacoptair dhan ospadal ann an Inbhir Nis. Tha poilis ag iarraidh air trafaig an sgìre sin a sheachnadh agus iad ag ràdh gum bi an rathad dùinte airson ùine mhath leis cho cunnartach 's tha an luchd a bha air an làraidh.

Brexit

Tha Rùnaire Bhrexit, Stephen Barclay, agus an t-Àrd-Neach-Tagraidh, Geoffrey Cox, anns a' Bhruiseil airson cuairt eile de chòmhraidhean ri Àrd-Bharganaiche an Aonaidh Eòrpaich, Michel Barnier. Tha iad ag amas air atharrachadh a thoirt air an earrann de dh'aonta Bhrexit a tha a' dèiligeadh ri crìoch na h-Èireann, mus bi bhòt eile air an aonta sin ann an Taigh nan Cumantan an ath-sheachdain.

Gràin an aghaidh Iùdhach

Thog am Ball-Pàrlamaid Làbarach, Mairead Hodge, dragh as ùr mun dòigh sa bheil am pàrtaidh a' làimhseachadh ghearainean mu ghràin air Iùdhaich. Tha i air sgrìobhadh gu Jeremy Corbyn a' cur teagamh ann an gealltanas nach robh an oifis aigesan an sàs anns a' chronachadh. Tha am pàrtaidh a' dol às àicheadh na tha a' Bh-Ua. Hodge ag ràdh.

Sgeama nam Faraidhean Saora

Chaidh dearbhadh gum bi leudachadh air sgeama nam faraidhean adhair saora, ADS, do luchd-siubhail sna sgìrean as iomallaiche gu deireadh na h-ath-bhliadhna. Agus bhon chiad là den Ghiblean am-bliadhna thèid an sgeama a leudachadh gu Gallaibh gu lèir agus tuilleadh phàirtean de Chataibh.

Dìth Dhotairean Cloinne

Tha aithisg ùr ag ràdh gu bheil cion dhotairean cloinne ann an Alba a' cur slàinte òigridh ann an cunnart. Tha an sgrùdadh a rinn Colaiste Rìoghail nan Dotairean agus Slàinte Cloinne ag ràdh gu bheil e fìor dhoirbh dotairean cloinne fhastadh. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gum bi iad a' foillseachadh phlana ùir a dh'aithghearr.

Foghlam Gàidhlig an Obair Dheathain

Tha dragh air pàrantan ann an Obair Dheathain gun dèan gearraidhean comhairle cron air foghlam Gàidhlig. Thèid bhòtadh an-diugh air pàirt den chòmhdhail gu ruige an aon aonad Gàidhlig a tha anns a' bhaile a ghearradh, agus an t-ùghdarras ag ràdh gu bheil toll còrr agus £40m sa bhuidseat aca.