An A87 dùinte aig Cluainidh ri linn tubaist

Carbad Phoileas

Tha tubaist le tancair connaidh air am prìomh rathad eadar Inbhir Nis agus an t-Eilean Sgitheanach a dhùnadh faisg air Taigh-Òsta Chluainidh.

Chaidh an carbad air a chliathaich mu 08:30m Dimàirt agus chaidh an dràibhear a thogail le heileacoptair dhan ospadal ann an Inbhir Nis.

Tha na Poilis ag iarraidh air dràibhearan an sgìre sin a sheachnadh leis gum bi an rathad dùinte airson ùine air sgàth cho cunnartach 's a bha an luchd a bh' air an làraidh.

Chaidh seach-shlighe a chur air dòigh, ach chuireadh sin 100 mìle a bharrachd ri cuid de thursan dhaoine.

Thuirt na Poilis nach eil iad den bheachd gun deach dràibhear na làraidh a dhroch ghoirteachadh.