Dìth thaigheadais do dh'òigridh na Hearadh

Calum Bennett
Image caption Tha dragh air Calum Bennet nach bi dachaigh aige a dh'aithghearr.

Tha dragh anns na Hearadh gum falbh daoine òga ri linn gainnead taigheadais, agus mu 20 neach a' nochdadh ùidh anns an aon fhlat a tha ri fhaotainn air an Tairbeart.

Tha Calum Bennett air a bhith a' fuireach air an Tairbeart airson sia mìosan agus tha e os cionn na h-obrach gus taigh-grùdaidh a stèidheachadh sa bhaile.

Feumaidh e fhèin agus a chèile an taigh sa bheil iad a' fuireach fhàgail aig deireadh a' Ghiblein airson leigeil le luchd-turais a chleachdadh rè an t-Samhraidh.

"Tha sinn air ar dachaigh a dhèanamh an seo agus chan eil sinn airson falbh ach cha bhi dol às againn mura h-eil àite-fuirich eile againn," thuirt e.

"'S e call a bhios ann ma 's e sin a thachras do dhaoine òga eile.

"Chan e dòigh sheasmach a th' ann eaconomaidh bheag a ruith mura bi roghainn eile aig an òigridh ach fàgail," thuirt Mgr Bennett.

Image caption Tha grunn ghnìomhachasan ùra air an Tairbeart a' cumail cosnaidh ri daoine.

Togail thaighean ùra

A bharrachd air an taigh-grùdaidh tha gnìomhachasan eile air soirbheachadh san sgìre, leithid an taighe-staile, ach tha gainnead taigheadais na dhuilgheadas do luchd-obrach.

An-dràsta chan eil ach aon flat ri fhaotainn air màl air an Tairbeart agus tha suas ri 20 duine air ùidh a nochdadh ann.

Tha Buidheann Taigheadais Innse Gall (HHP) a' dol a thogail fhlataichean air làrach seann stèisean nam Poileas, ach tha Calum Bennet ag ràdh gu bheil e na bhriseadh dùil dha nach do thòisich an obair-togail fhathast.

Tha BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ag ràdh gur e taigheadas agus cho gann 's a tha e ann an sgìrean iomallach aon de na prìomh phuingean a tha daoine a' togail leis.

"Tha airgead ann gus taighean airson màl a thogail anns na h-Eileanan.

"Tha £25m a' tighinn bhon Riaghaltas ach feumaidh e a bhith air a chosg eadar an-dràsta agus 2021.

"Tha mi ag obair a-nis leis a' Chomhairle agus cuideachd le HHP airson faighinn a-mach dè na planaichean a th' aca," thuirt Mgr Allan.