Moladh còmhdail sgoilearan Gàidhlig a ghearradh

Faclan Gàidhlig ann an sgoil

Bhòtaidh comhairlichean an Obar Dheathain air còmhdhail do dh'aonad foghlaim Gàidhlig a'bhaile a ghearradh.

Thèid an gnothach a dheasbad aig Comhairle Obar Dheathain Dimàirt agus an t-ùghdarras ag ràdh gum feum iad sàbhalaidhean de chòrr is dà fhichead millean not a dhèanamh.

Tha pàrantan feargach agus tha Marion Nic an Tòisich bho Chomann nam Pàrant Obair Dheathain a' cumail a-mach gun dèanadh e cron mòr air oideachadh na cloinne agus air a' choimhearsnachd Ghàidhlig ann an Obar Dheathain nan cailleadh iad còmhdhail chun na sgoile.

"Feumaidh sinn àireamhan a chumail suas.

"Ma tha iad a' dol a leigeil seachad còmhdhail Ghàidhlig tha sin a' ciallachadh nach bi clann a' tighinn a-steach dhan sgoil.

"Chan fhaigh daoine a-steach dha na buidhnean eile a th'againn, agus an uairsin cha bhi a' choimhearsnachd Ghàidhlig a th'againn cho mòr 's a tha i," thuirt i.

Thuirt Comhairle Baile Obar Dheathain nach b' urrainn dhaibh bruidhinn mun chùis gum biodh iad air a deasbad aig a' choinneimh.