Seirbheis adhair dhan Eilean Sgitheanach nas fhaisge

Raon-adhair an Eilein Sgitheanaich

Thèid airgead riaghaltais iarraidh airson deuchainn a dhèanamh air seirbheis adhair eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Glaschu.

Dh'aontaich Comataidh an Eilein Sgitheanaich agus Ratharsair an ceum seo a ghabhail Diluain.

Bha iad a' beachdachadh air aithisg bhon bhuidhinn-obrach, sa bheil riochdairean HITRANS, Comhairle na Gàidhealtachd agus Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, a tha a' coimhead air an gabh seirbheisean adhair dhan sgìre a stèidheachadh às ùr.

Mhol a' bhuidheann gun sgrìobh iad gu Rùnaire na Còmhdhail ag iarraidh maoineachaidh agus taic theicneagach airson seirbheisean deuchainn a' cleachdadh an raoin-laighe aig Aiseag.

PSO

Thathar a' tomhas gun cosgadh an deuchainn eadar £1.5m agus £1.8m nan dèigheadh itealan Twin Otter a ghabhadh 19 luchd-siubhail a chleachdadh air an t-slighe.

Tha iad a' dèanamh dheth gun cosgadh e suas ri £380,000 sa bhliadhna an làrach fhosgladh as ùr agus a leasachadh.

Dh'aontaich comhairlichean sgìreil gun iarradh iad cùmhnant Òrdugh Seirbheis Poblaich, PSO, bhon riaghaltas mar a th'aig na seirbheisean a Bharraigh, Thiriodh agus Ceann Loch Chille Chiarain.

Chosgadh an t-òrdugh sin mu £450,000 sa bhliadhna.

Teagamhan

Ged a tha iomairt mhòr air a bhi ann airson seirbheis adhair ùr tha feadhainn san sgìre a' cur teagamh ann.

Chuir iad soighnichean an-àirde air feadh an eilein a' mìneachadh an cuid draghan.

Tha ceist orra an fhiach an t-seirbheis a' chosgais agus tha iad ag iarraidh gun tèid co-chomhairle phoblach a chumail air a'chùis.

Tha beachd aca gum b' fheàrr le muinntir an àite an t-airgead a chosg air rudan eile seach seirbheisean adhair.