brexit lamb
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Tuathanaich chaorach draghail mu Bhrexit

4 Am Màrt 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Nochd dragh am measg thuathanaich chaorach gur dòcha nach tèid aca air feòil uan a reic ris an EU ma thig Brexit gun Aonta. Dh'fhaodadh às-mhalairt uan dhan EU a bhith air a chasg fo riaghailtean glainneid, agus mur a tèid a chasg, dh'fhaodadh cìsean àirde a bhith air a chur orra. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh ge-tà, gu bheil iad ag obair gus margaidh na Roinn Eòrpa a chumail fosgailte an dèidh dhuinn an EU fhàgail. Seo am fear-naidheachd poileataigeach againn Darren Linc ...