Taic làidir airson sgoil Ghàidhlig san Òban

An t-Òban Image copyright James Hearton/Geograph

Nochd taic làidir airson sgoil Ghàidhlig fa leth anns an Òban aig an dàrna Cruinneachadh Gàidhlig sa bhaile.

Choinnich Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Swinney, ri Comann nam Pàrant ar iomall a' chruinneachaidh gus a' chùis a dheasbad.

Thuirt Mgr Swinney gum biodh taic-airgid Riaghaltais ri fhaighinn, ach gum feumadh an t-ùghdarras ionadail taic a thoirt seachad cuideachd.

"Faodaidh an Riaghaltas taic a thabhann tro Mhaoin Calpa na Gàidhlig, a chaidh a chleachdadh ann an grunn sgìrean den dùthaich airson Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig a leudachadh," thuirt Mgr Swinney.

"Ach tha sinn ag iarraidh gun cuir an t-ùghdarras ionadail airgead ris gus am modal seo a dhèanamh soirbheachail agus èifeachdach.

"Tha sinne gu math fosgailte ri conaltradh ri Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid mu mar a ghabhas a' chùis seo toirt air adhart.

"Tha mise a' dol a bhruidhinn mu na gnothaichean seo le buidheann phàrantan an seo san Òban," thuirt e.

Thuirt Comann nam Pàrantan gun robh a' choinneamh le Mgr Swinney soirbheachail.

"Tha e cho follaiseach, leis na diofar bhuidhnean a tha an seo còmhla, agus a h-uile duine ag ràdh an aon rud, gum feumar aig ìre air choireigin èisteachd ri sin, 's gum feum gluasad air choireigin tighinn a thaobh rudeigin a dhèanamh airson Foghlam Tro Mheadhan na Gàidhlig a thoirt air adhart san Òban," thuirt Claire Wilding, bhon bhuidhinn.

"Chan eil sinne a' gèilleadh. Tha an t-iarrtas agus am feum airson leithid de sgoil ag èirigh fad na h-ùine," thuirt i.