Còmhraidhean mu stailc luchd-iùil nam plèanaichean

Itealan a' laighe

Tha dùil ri barrachd fiosrachaidh mu na tha san amharc aig luchd-iùil adhair a' chinn a tuath a bhòt airson stailc.

Dhiùlt buill an aonaidh Prospect a tha ag obair aig Companaidh Phort-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean, HIAL, gabhail ri tairgse de dh'àrdachadh 2%.

Thuirt Prospect an t-seachdain sa chaidh gum faodadh gum bi a' chiad stailc ann sa Ghiblean agus gum biodh làithean eile rè an t-samhraidh.

Tha còmhraidhean a' dol Diluain eadar an t-aonadh agus riochdairean HIAL.

'S ann le Riaghaltas na h-Alba a tha HIAL.

Bhiodh buaidh aig stailc air seachd dhe na h-aon phort-adhair deug a tha an urra ri HIAL.

'S iad Beinn nam Faghla, Dùn Dè, Inbhir Nis, Baile na h-Eaglaise, Steòrnabhagh, Sumburgh agus Inbhir Ùige.