Amharas mu "bhàthadh" Albannaich an California

Tha poilis sna Stàitean Aonaichte a' rannsachadh aithrisean gu bheil fear à Inbhir Nis, Kim Gòrdan, air toirt a chreids' gun d' fhuair e bàs.

Tha Mgr Gordon aithnichte do mhòran agus e tric a' reic seudaireachd am meadhan Inbhir Nis.

Tha cliù aige cuideachd airson na thog e do chathrannas thar nam bliadhnaichean, gu h-àraid le bhith a' snàmh.

Thathar a' tuigsinn gun deach Mgr Gòrdan a dhìth an dèidh dha a dhol a shnàmh aig Tràigh na Manachainn ann an Carmel ann an California.

Thuirt na Poilis ann am Monterey nach do lorg na dàibhearan aca sgeul air an dèidh rannsachaidh a mhair trì làithean.

Image copyright Google
Image caption Tha droch chliù aig Tràigh na Manachainn airson sruth cunnartach agus tuinn chaochlaideach.

Amharasach

Tha oifigearan a-nis a' sgrùdadh a bheil e fhathast beò.

Tha bòidhchead Tràigh na Manachainn aithnichte, ach tha droch chliù aice cuideachd airson cho cunnartach 's a tha i, le sruth luath agus tuinn anns nach gabh earbsa a chur.

Thuirt na Poilis gun d' fhuair iad brath èiginn 25mh den Ghearran ag aithris gun deach Mgr Gòrdan dhan mhuir agus nach fhacas bhon uairsin e.

Thuirt neach-labhairt nam Poileas gun robh iad fhathast ga mheas mar neach air nach eil sgeul aca, ach gun robh iad amharasach mun dòigh san deach e à sealladh.

Thuirt iad gun robh iad a' leantainn orra a' feuchainn ri lorg fhaighinn air Mgr Gòrdan, ach gun robh oifigearan cuideachd a' beachdachadh air gum faodadh gun do leig e air a dh'aona-ghnothaich gun do bhàsaich e.