Buaidh Bhrexit air iasgach an Alba

Feargas Ewing
Image caption Tha Riaghaltas na h-Alba a' foillseachadh pàipear deasbaid air iasgach an Alba.

Tha beachdan gan sireadh air na tha an dàn do ghnìomhachas an iasgaich ann an Alba an dèidh Bhrexit.

Bidh Rùnaire an Iasgaich, Fearghas Ewing, a' cur air bhonn "còmhradh nàiseanta" air na bhios ron ghnìomhachas aig coinneimh le iasgairean ann an Arcaibh Diluain.

Seo a' chiad tè de shreath choinneamhan air feadh na dùthcha airson beachdan dhaoine a tha an sàs san obair a chluinntinn.

Dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba pàipear deasbaid a tha a' moladh cuotathan iasgaich a chumail, agus ceadan iasgaich a bharrachd airson daoine ùra a bhrosnachadh a bhith ri iasgach.

Bu chòir siostam ceadan obrach ùr a bhith ann, tha iad ag ràdh, airson dèanamh cinnteach gu bheil luchd-obrach gu leòr an dèidh Bhrexit.

Tha iad ag iarraidh nach bi Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ri malairt air uisgeachan na h-Alba tro phròiseas Bhrexit.

Tha iad cuideachd ag iarraidh ath-sgrùdaidh air an riaghailt Eòrpach fon fheum iasg air nach eil feum a bhith air an tilgeil air ais dhan mhuir.