Buannachd à Brexit do sgìrean dùthchail?

Breatann Image copyright Getty Images
Image caption Tha ceann-là Bhrexit a' tighinn dlùth.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag iarraidh earrann den airgead a thig air ais a Bhreatainn an dèidh Bhrexit.

'S e sin an argamaid a nì fear-gairm na comhairle agus e a' riochdachadh na sgìre aig Co-chruinneachadh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ann an Arcaibh Diluain.

'S e buaidh Bhrexit as motha a th'air a'chlàr-ghnothaich aig a' choinneimh agus tha Tormod Dòmhnallach ag ràdh gu bheil mì-chinnt mhòr ann mu thimcheall agus dè a' bhuaidh a bhios aige air sgìrean iomallach

"Tha sinn air buannachd mhòr fhaighinn tron cheangal a th'air a bhith againn leis an Roinn Eòrpa thairis air faisg air 40 bliadhna a-nis agus tha mi a' smaoineachadh gur e call mòr a bhios ann dha na h-eileanan.

"Tha sinn a' putadh gach cuid an riaghaltas ann an Dùn Èideann airson a bhith a' cur taic rinn ann a bhith a' putadh riaghaltas Bhreatainn airson dèanamh cinnteach às, airgead sam bith a thig a-steach air ais dhan dùthaich bhon Roinn Eòrpa gum bi sin air a bhiadhadh a-mach gu h-àraid do sgìrean iomallach an leithid nan eilean againne," thuirt e.

Bàtaichean-aiseig

Bidh an Leas-phriomh Mhinistear, Iain Swinney, sa chathair aig a' choinneimh agus cluinnidh e cuideachd argamaidean airson còmhdhail a leasachadh airson muinntir a' chinn a tuath.

Tha Tormod Dòmhnallach ag ràdh gun tèid innse dha nach eil daoine riaraichte le prìs àrd nam faraidhean adhair agus gu bheil cruaidh fheum air bàtaichean-aiseig ùra a chumas seirbheisean seasmhach airson an àm ri teachd.

"Tha sin air a bhith na uireasbhaidh thairis air a' bhliadhna a chaidh seachad.

"Tha an riaghaltas ag ràdh gu bheil iad a' feuchainn ri leasachadh a dhèanamh air an sin ach gu ruige seo chan eil sinn air an ìre a ruighinn far an urrainn dhuinn a ràdh gu bheil sin riaraichte leis an t-seirbheis a thathas a' toirt seachad.

"Feumaidh sinne cumail a phutadh airson leasachadh a dhèanamh, gach cuid air na bàtaichean a thathas a' cleachdadh agus cuideachd cia mheud bàta a tha gu bhith air na slighean far a bheil sinn a' faicinn gu bheil e deatamach gum bi e comasach do dhaoine a bhith a' tighinn a-steach do dh'aon phàirt de na h-eileanan agus gluasad tro na h-eileanan agus an nuairsin a' dol a-mach taobh eile," thuirt Mgr Dòmhnallach.