Cill Mhàillidh air ghleus

Iomain

Rinn Cill Mhàillidh toiseach-tòiseachaidh sònraichte san iomain is iad a' soirbheachadh 2-0 ann am Bail' Ùr an t-Slèibh.

'S iad Daniel Stiùbhart is Liam Dòmhnallach a chuir na tadhail.

Rinn an aimsir sgrios air clàr nan geamaichean.

Cha robh ach aona gheama eile sa Phrìomh Lìog is shoirbhich Lòbhat an sin, le buaidh 5-0 an aghaidh Cheann Loch Seile.

San Lìog Nàiseanta, rinn an Gearasdan an gnothach 5-4 air a' Mhanachainn is b' e 3-0 a bh' ann do Ghleann Urchadain an aghaidh Shrath Ghlais.

Chaill Camanachd Leòdhais 7-1 ri Loch Carran ann an Lìog Tuath 2.