Eileanach òg aig Celtic

Rachael NicIain Image copyright Teaghlach Rachael NicIain

Chuir nighean òg às na h-Eileanan an Iar ainm ri cùmhnant le Celtic.

Chuir an neach-glèidhidh Rachael NicIain à Baile Ailein an Leòdhas peann ri pàipear le Acadamaidh Bhoireannach a' chluba.

Tha Rachael roimhe air cluich do sgioba nàiseanta na h-Alba aig ìre fo 15 is fo 16.

Tha i na sgoilear aig Sgoil Sir E Scott anns na Hearadh.