Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 Am Màrt 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Aiseagan Bhrexit

Thuirt an Riaghaltas gun deach aonta a dhèanamh le Eurotunnel gus am fuirich luchd-siubhail agus bathair a' gluasad ann an Tunail a' Chaolais Shasannaich an dèidh Bhrexit. Tha Eurotunnel a-niste air sgur de chùis-lagha a thog iad an aghaidh an Riaghaltais mun dòigh anns an deach cùmhnantan bathair a thoirt do chompanaidhean aiseig nam b' e Brexit gun aonta a bhiodh ann.

Bin Laden

Tha na Stàitean Aonaichte a' tabhann duais $1m airson fiosrachaidh mu mhac Osama Bin Laden, a bha na cheannard air al-Qaeda. Tha na seirbheisean brathaidh ag ràdh gu bheil Hamza Bin Laden na cheannard radaigeach a tha na chunnart do dh'Aimeireaga agus a càirdean.

Casaidean Feiseil

Thuirt poilis gu bheil triùir fhear à ceann a deas Shiorrachd Iorc, Morair Ahmed Rotherham nam measg, fo chasaidean feiseil. Tha dùil riutha ann an Cùirt nam Maighstirean ann an Sheffield air an 19mh là den mhìos seo. Rinn Tony Blair morair den Mhorair Ahmed ann an 1998. Dh'fhàg e am Pàrtaidh Làbarach ann an 2013.

Gearraidhean Ealain

Bidh gearradh an ceathramh cuid anns an taic a tha buidhnean ealain nan Eilean Siar a' faighinn bhon Chomhairle. Seo pàirt de na gearraidhean a tha a' Chomhairle ag ràdh a dh'fheumas iad a dhèanamh, 's bheir e buaidh air leithid an Lanntair, Taigh Chearsabhagh, Ceòlas, Fèisean nan Gàidheal agus Fèis Cheilteach Innse Gall. Agus chaidh rabhadh gur dòcha gur e tuilleadh ghearraidhean a bhios ann an ath-bhliadhna.

Dochann San Dachaigh

Bidh cead aig cloinn a tha glacte ann am fìor dhroch chùisean de dhochann anns an dachaigh fianais a chlàradh ro làimh seach a dhol mu choinneimh cùirte. Thug Riaghaltas na h-Alba atharrachadh air a' bhile aca fhèin an dèidh comhairle bho Chomataidh Thar-Phàrtaidh a' Cheartais aig Holyrood.

Sreapadairean

Cleachdaidh luchd-teasairginn dronaichean agus iad a' coimhead airson sreapadair Bhreatannaich agus a chompanaich Ìnnseanaich air nach eil sgeul anns na Himalayas. Cha chualas guth o Là na Sàbaid bho Tom Ballard agus Danielle Nardi. Thogadh Tom Ballard ann an Drochaid an Aonachain, 's chaill a mhàthair, Alison Hargreaves, a beatha air K2 ann an 1995. Tha sgioba Ruiseannach air tarraing a-mach às an obair theasairginn le cunnart bho mhaoim-sneachda.

Co-labhairt Foghlaim Ghàidhlig

Tha deasbad mun t-slighe air adhart do dh'fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig aig cruinneachadh a chuir Bòrd na Gàidhlig air dòigh ann am Peairt an-diugh. Tha còrr is 40 tidsear agus luchd-foghlaim eile a' toirt sùil gu sònraichte air foghlam Gàidhlig anns an àrd-sgoil, agus air curricealam airson bliadhnaichean 4-6. Tha gearain ann nach eil gu leòr a' suidhe nan deuchainnean Gàidhlig.