Co-labhairt air foghlam àrd-sgoile Gàidhlig

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Cathraiche Comataidh Ionnsachaidh Bhòrd na Gàidhlig, Jim Whannel

Thèid an t-slighe air adhart airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a dheasbad Dihaoine, aig cruinneachadh de 45 tidsear 's luchd-foghlaim eile.

Tha ceistean orra gu sònraichte mu fhoghlam Gàidhlig san àrd-sgoil, 's mar a ghabhadh an curraicealam dealbhachadh airson AS4 gu AS6.

Tha mòran air a bhith a' gearain nach eil gu leòr a' suidhe dheuchainnean anns a' Ghàidhlig.

'S e Bòrd na Gàidhlig a tha a' cur a' chruinneachaidh seo air chois ann am Peairt, còmhla ri Riaghaltas na h-Alba agus Ùghdarras nan Teisteanasan.

Am measg nan daoine a bhios an làthair bidh riochdairean bho ionadan a bhios a' toirt seachad foghlaim adhartaich is àrd-ìre, agus riochdairean bho na sia sgoiltean Gàidhlig ann an Alba, a tha stèidhichte ann an Glaschu, Dùn Èideann, Inbhir Nis, Loch Abar agus Port Rìgh.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dihaoine, mhìnich Cathraiche Comataidh Ionnsachaidh Bhòrd na Gàidhlig, Jim Whannel, na tha gu bhith a' dol air adhart.