Clann a' teagasg nan inbheach am Muile

Bun-Sgoil Bhun Easain Image copyright Chris Downer/Geograph

Fhuair coimhearsnachd anns an Ros Mhuileach cothrom beagan Gàidhlig ionnsachadh Diardaoin san ionad Ghàidhlig as ùire san eilean, ann am Bun-Sgoil Bhun Easain.

Chuir na ceithir sgoilearan san ionad cafaidh Gàidhlig air doigh 's iad an dòchas feadhainn a tha fhathast a' bruidhinn Gàidhlig na sgìre a thàladh a-steach airson strùpag 's còmhradh fhaighinn.

"Am-bliadhna, feumaidh mi pàirt a ghabhail ann an sgeama inntrigidh luchd-teagaisg ùra," thuirt tidsear an ionaid, Sarah Nic'illÌosa.

"Feumaidh sinn pròiseact a dhèanamh anns an sgoil againn, 's tha sinn gu bhith a' dèanamh cafaidh Gàidhlig.

"Tha mi dìreach ag iarraidh a' chlann a bhith nas misneachail a' cleachdadh a' chànain timcheall na sgìre aca.

Taic

"Tha mi ag iarraidh gum bi na sgoilearan a' cleachdadh a' chànain taobh a-muigh a' chlas, agus nuair a tha iad aig a' bhùth, no rud sam bith, dìreach a bhith ag ràdh "madainn mhath" no "feasgar math", "ciamar a tha sibh?" agus a' faighinn freagairt air ais bho chuideigin.

"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil dithis no triùir air fhàgail timcheall Bhun Easain aig a' bheil a' Ghàidhlig. Chan eil tòrr air fhàgail.

"Le sin tha sinn ag iarraidh an cànan a chumail suas, agus gum bi a' chlann a' teagasg nan daoine an seo.

"Tha cùrsaichean a' tachairt ann am Fionnphort. Cùrsa Inntrigidh Gàidhlig, so bidh na daoine ag iarraidh an cànan a chumail suas, agus tha sinne ag iarraidh gum bi iad ga cleachdadh," thuirt i.