Gearraidhean ealain sna h-Eileanan Siar

Comhairle nan Elean Siar

Tha gearradh an ceathramh cuid san taic a tha buidhnean ealain nan Eilean Siar a' faighinn bhon Chomhairle.

Tha seo mar phàirt de na gearraidhean a tha a' Chomhairle ag ràdh gum feum iad a dhèanamh, agus bheir e buaidh air leithid an an Lanntair, Taigh Chearsabhagh, Ceòlas, Fèisean nan Gàidheal agus Fèis Cheilteach Innse Gall.

"'S e suidheachadh duilich a th' againn, tarsainn na Comhairle, a thaobh ionmhais," thuirt Cathraiche Comataidh Leasachaidh Sheasmhaich na Comhairle, Dòmhnall Crichton.

"Tha an granta againn air a ghearradh bho Riaghaltas na h-Alba a-rithist air a' bhliadhna seo.

Sgioba na Gàidhlig

"Tha sin gar fàgail ann an suidheachadh gu math doirbh.

"A thaobh a' Bhuidseit Eaconomaich, tha còrr air £500,000 againn ri thoirt a-mach às a' bhuidseat sin.

"Mar sin tha iomadach uallach oirnn, agus dleastanas airson taic a thoirt seachad dha roinnean air feadh nan Eileanan - chan e a-mhàin dha na h-ealain.

"Agus feumaidh sinn feuchainn ri cuideachadh a thoirt do gach buidhinn a th' air a riochdachadh air feadh nan Eilean Siar.

"'S e na h-ealain dìreach aon de na roinnean a tha sin.

"Ach cuimhnich cuideachd, ged a tha sinn a' gearradh a' Bhuidseit Eaconomaich againn 25%, tha iad cuideachd a' faighinn cuideachaidh bho Bhuidseat Sgioba na Gàidhlig.

"Aig an àm seo, tha an t-airgead a tha iad a' faighinn gu lèir bhon Chomhairle, chan eil an gearradh gu bhith cho domhain is a bhiodh e mura biodh an t-airgead sin a' tighinn bho Sgioba na Gàidhlig," thuirt e.

Barrachd

Dh'fhaodadh cuideachd gur e tuilleadh ghearraidhean a bhios ann an ath-bhliadhna.

"Tha againn ri còrr air £50m a thoirt a-mach às a' buidseat anns an ath-bhliadhna air thoiseach oirnn," thuirt Mgr Crichton.

"Sin an staing anns a bheil snin aig an àm seo, agus tha an suidheachadh a' coimhead gu math cugallach 's duilich.

"Ach aig an aon àm tha sinn ag obrachadh còmhla ris na buidhnean sin bho chionn bliadhna air ais, tha fios aca dè tha a' tighinn sìos an rathad, agus tha sinn a' feuchainn ri an dìon cho mòr 's a gheibh sinn anns an t-suidheachadh sin," thuirt e.