CalMac a' giùlain barrachd dhaoine

Bàt-aiseig ChalMac agus Eilean Arainn
Image caption B' e Eilean Arainn, a-rithist, an t-eilean as motha a fhuair de luchd-tadhail a-mach às na h-eileanan gu lèir a tha CalMac a' frithealadh air a' bhliadhna an-uiridh.

Dh'èirich an àireamh de luchd-siubhail a ghiùlain aiseagan Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn air a' bhliadhna mu dheireadh.

B' e Eilean Arainn, a-rithist, an t-eilean as motha a fhuair de luchd-tadhail a-mach às na h-eileanan gu lèir a tha CalMac a' frithealadh air a' bhliadhna an-uiridh.

Chaidh 913,005 neach-siubhail a ghiùlain tro Àird Rosain agus Loch Raonasa - 1,571 a bharrachd air a' bhòn-uiridh.

Thàinig àrdachadh 2.97% air na chaidh a ghiùlain de luchd-siubhail thar aiseig Steòrnabhaigh - le àrdachadh 2.62% ari na bha de charbadan air an t-seirbheis sin.

Uile gu lèir, chaidh 5,253,766 duine a ghiùlain air soithichean ChalMac, an taca ri 5,238,164 air a' bhliadhna roimhe - àrdachadh 0.3%.

Thàinig àrdachadh nas motha na sin air na bh' ann de charbadan a chaidh a ghiùlain - 1,429,935 carbad, an taca ri 1,428,346 air a' bhòn-uiridh. Sin àrdachadh 0.11%.

Dh'èirich trafaig choimearsalta 0.33%, ach bha beagan na bu lugha de choidsichean ann.

'S ann air an aiseag eadar Loch Baghasdail agus Malaig as motha a chunnacas ìsleachadh anns na chaidh a ghiùlain de luchd-siubhail - 6,448 duine nas lugha (23.35%).

Tha CalMac a' coireachadh droch aimsire agus trioblaidean teicnigeach toiseach na bliadhna.

Gheibhear na figearan gu lèir an seo.