Toradh an sgudail

Bionaichean ath-chuairteachaidh Image copyright Getty Images
Image caption Tha an obair a' crochadh air daoine a bhith a' cumail an cuid sgudail organaich air leth bho sgudal eile sna dachaighean aca.

Tha Comhairle nan Eilean Siar an dòchas cead fhaighinn 'son stuth a reic a ghabhas cleachdadh mar thodhar fìor mhath.

Bidh an stuth a' tighinn bhon ionad ath-chuairteachaidh aig Pairce Ghrìoda, faisg air Steòrnabhagh.

Chaidh an anaerobic digester a thogail leis a' Chomhairle ann an 2006, a' cosg beagan air £3m.

B' e a' chiad aonad de a leithid ann am Breatainn a bha a' cleachdadh sgudail organaich bho thaighean agus ga ghiollachd airson gas methane a chruthachadh, a thathas an uair sin a' cleachdadh airson teas agus dealan a chruthachadh.

Bùrn

Tha an teas agus an dealan gan cur air feum ann an togalaichean na làraich, agus ma tha barrachd ga chruthachadh thathas ga reic ris a' Ghriod Nàiseanta.

Bidh iad cuideachd a' cleachdadh sgudail a bhios air fhàgail aig an fhactaraidh èisg ann an Steòrnabhagh.

Tha an obair gu mòr an urra ri daoine a bhith a' roinn an cuid sgudail organaich san dachaigh aca - stuth bhon ghàradh, no biadh - agus ga chumail air leth ach an tèid a thoirt chun na làraich ann an làraidh, agus cho fad 's gu bheil e glan gu leòr, gheibhear an uair sin air a chur gu feum anns an anaerobic digester.

Tha a' Chomhairle a-nis aig an ìre 's gu bheil iad airson cuid den stuth a th' air fhàgail às dèidh na h-obrach a tha seo a reic.

Thathas air a bhith ga chleachdadh thuige seo airson an làrach sgudail fhosgailte a sgeadachadh - rud a tha a' faighinn faochadh cìse don Chomhairle.

Thèid an sgudal a-nis a chur tro shìlteachan mòra uair is uair gus am bi am bùrn gu lèir air a bhruthadh às.

'S e am bùrn a tha sin a tha luachmhor, agus e loma-làn de bheathachadh organach a ghabhas cur gu feum mar thodhar.

Feumaidh a' Chomhairle na ceadan ceart fhaighinn an toiseach mus faigh iad air a reic ris a' phoball.