Leasachadh campachaidh aig an t-Sabhal Mhòr

Sabhal Mòr Ostaig Image copyright John Allan/Geograph

Tha planaichean 'son làraich do dh'ochd bhanaichean-campachaidh faisg air Sabhal Mòr Ostaig a' gluasad air adhart.

Dh'iarr an Sabhal, comhla ri Urras Coimhearsnachd Shlèite, cead-dealbhachaidh airson làraich air cùl an togalaich ùir aca sa Chill Bhig.

'S e goireas a bhiodh ann air a bheil cruaidh-fheum anns an sgìre a rèir Dhòmhnaill Angaidh MhicIllinnein, Ceannard na h-Oighreachd agus Seirbhisean aig SMO.

"Tha sinn air a bhith cleachdte gu leòr le oileanaich agus daoine a' tighinn thugainn thar nam bliadhnaichean le carbadan-campachaidh," thuirt e.

"Agus mar a tha fhios againn uile sna h-eileanan, tha duilgheadasan air a bhith ann an cuid de dh'àiteachan leis an àireimh a tha seo de charbadan a' sìor dhol am meud.

"Agus a-niste tro Chomhairle na Gàidhealtachd agus an Riaghaltas tha maoin airgid ann airson cuideachadh le coimhearsnachdan ann a bhith a' leasachadh ghoireasan dha leithid de charbadan.

"Mar sin, bha sinn ga fhaicinn, le Urras Coimhearasnachd Shlèite, a tha ag obair cuideachd san sgìre còmhla rinn an seo, gur e deagh chothrom a bhiodh ann dhuinn a dhol an sàs leis a' mhaoin airgid airson goireasan ùra a thoirt dhan choimhearsnachd an seo fhèin ann an Slèite.

"Bidh mìos no dhà ann mus cluinn sinn mun iarrtas againn. 'S e farpais a bhios ann le coimhearsnachdan eile na Gàidhealtachd 's nan Eilean," thuirt e.