Cathraiche ùr air NHS na Gàidhealtachd

An t-Oll. Boyd Robasdan

Chaidh an t-Oll. Boyd Robasdan ainmeachadh mar chathraiche eadar-amail air bòrd NHS na Gàidhealtachd, an àite Dhàibhidh Alston, a dh'fhàg an dreuchd.

Chaidh Dàibhidh Alston ainmeachadh dhan dreuchd ann an 2015, 's e a' gabhail thairis bho Garry Coutts sa Mhàrt 2016.

Tha NHS na Gàidhealtachd an urra ri sgìre mhòir, a' gabhail a-steach Tìr-Mòr na Gàidhealtachd, an Eilein Sgitheanaich agus phàirtean de dh'Earra-Ghàidheal.

Tha na h-uimhir de dhùbhlain air a bhith mun coinneimh, agus casaidean gu bheil cultar de bhurraidheachd ann.

Tha na casaidean sin gan rannsachadh le ath-sgrùdadh neo-eisimeileach, agus thàinig air a' bhòrd-slàinte dèiligeadh ri easbhaidh £19.9m ris a bheil dùil airson na bliadhna ionmhais seo.

Bidh an t-Oll. Robasdan, a bha roimhe na phrionnsabal air Sabhal Mòr Ostaig, ag obair ri taobh an àrd-oifigich ùir, Iain Stiùbhart, a thòisich anns an dreuchd sin anns an Fhaoilleach.