Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Hanoi

Thàinig an àrd-choinneamh eadar an Ceann-Suidhe Trump agus Kim Jong-un gu ceann aithghearr gun aonta. Thuirt Mgr Trump an dèidh na coinneimh ann an Hanoi gun robh Mgr Kim ag iarraidh an casg-bhannan gu lèir air Coirea a Tuath a thogail gun cur às dhan armachd niuclasaich mar a tha Washington ag iarraidh.

Aig an aon àm tha là eile de cheasnachadh ann air seann fhear-lagha pearsanta Dhòmhnaill Thrump. Thuirt Mìcheal Cohen ris a' Chòmhdhail an-dè gur e breugaire a th' ann am Mgr Trump, 's gu bheil e cealgach agus ri gràin-cinnidh. Thuirt an Taigh Geal nach gabh earbsa cur ann an duine mar Mhgr Cohen a chaidh a dhìteadh airson eucorra.

In-imreachd

Tha figearan ùra ag ràdh gu bheil in-imreachd a Bhreatainn bho thaobh a-muigh an Aonaidh Eòrpaich aig an ìre as àirde ann an 15 bliadhna. Agus tha Oifis na Staitistig Nàiseanta ag ràdh gun do thuit in-imreachd à dùthchannan an Aonaidh Eòrpaich a-rithist air a' bhliadhna dhan t-Sultain an-uiridh - an ìre as lugha bho 2009.

NHS na Gàidhealtachd

Chaidh an t-Oll. Boyd Robasdan ainmeachadh mar chathraiche eadar-amail air bòrd NHS na Gàidhealtachd, an àite Dhàibhidh Alston, a dh'fhàg an dreuchd. Bidh an t-Oll. Robasdan, a bha na phrionnsabal air Sabhal Mòr Ostaig, ag obair ri taobh an àrd-oifigich ùir, Iain Stiùbhart, a thòisich anns an dreuchd sin anns an Fhaoilleach.

Seirbheisean Adhair

Tha mì-chinnt ann mu na seirbheisean adhair eadar an t-Òban, Colla, Tiriodh agus Colbhasa. Dhiùlt Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an aon tairgse a bh' ann bho Hebridean Air Services airson na seirbheisean a ruith. Thèid iad a-mach gu cùmhnant a-rithist, ach a-niste tha tè de na comhairlichean, Jean Moffat à Eilean Bhòid, ag ràdh gum bu chòir beachdachadh air airgead a chùmhnadh le stad de na seirbheisean gu lèir, no coimhead ri Riaghaltas na h-Alba airson an gabhail thairis. Tha teagamh ann a-niste mu dè seòrsa ùine a dh'fhaodadh iad a bhith gun seirbheis nuair a thig an cùmhnant an-dràsta gu ceann anns a' Chèitean.

Air B&B

Tha dragh air a' chompanaidh Air B&B mu bhuaidh bile a tha a' dol tro Phàrlamaid na h-Alba an-dràsta air a' ghnìomhachas acasan. Tha coltas ann, le bile planaidh ùr, gun tigeadh air feadhainn a tha a' dèanamh Air B&B cead-dealbhachaidh fhaighinn airson sin. Tha Air B&B air sgrìobhadh dhan leithid ag iarraidh orra na trioblaidean a dhèanadh sin dhaibh a thoirt gu aire a' Bhuill-Phàrlamaid aca.