A' Ghàidhlig fhathast an Srath Teimhil

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Chaidh am boireannach a thogail le a seanmhair is a seanair, aig an robh Gàidhlig na sgìre.

Bha dùil gun deach a' Ghàidhlig à bith air taobh sear Shiorrachd Pheairt mar chainnt dhùthchasach anns na 1970an.

Ach gu h-iongantach tha e coltach gu bheil an dualchainnt air maireachdainn beò chun an là an-diugh - aig boireannach aois 102 à Srath Teimheil.

Tha dithis luchd-rannsachaidh air coinneachadh ris a' bhoireannach, nach eil airson is gun tèid a h-aithneachadh, agus thathas a-nis air tòiseachadh a' dèanamh chlàraidhean leatha.

Chan eil cho fada sin bho bha a' Ghàidhlig pailt ann an srathan Shiorrachd Pheairt.

Na h-àirighean

Nuair a chaidh a' chiad chunntas-sluaigh san robh iomradh air cànan a dhèanamh ann an 1881, bha còrr is 60% de mhuinntir an àite ga bruidhinn.

Chrìon i gu mòr anns an 20mh Linn ge-tà, leis an dà chogadh mòr gu h-àraid a' dèanamh call oirre.

Chaidh oidhirp a dhèanamh anns an dàrna leth den linn an dualchainnt a chlàradh agus a ghlèidheadh rathad air choireigin.

Bha dùil gun robh an sgoilear Máirtín Ó Murchú air bruidhinn ris an fheadhainn mu dheireadh aig an robh Gàidhlig taobh sear Pheairt anns na 70an.

Ach bho chionn ghoirid, chuala dithis luchd-iomairt san sgìre gun robh boireannach ann aig a bheil i fhathast, ann an Srath Teimhil (Strath Tummel).

"Chaidh a togail le a seanmhair is a seanair, aig an robh Gàidhlig Shrath Teimhil," thuirt Alasdair Ó Maolchallann, fear den dithis luchd-rannsachaidh.

"Bha iad gu math sean aig an àm sin. Bha iad mu 80 aig an àm.

"Mar sin, tha seòrsa de cheangal ann eadar ise agus an 19mh Linn - can na h-1840an, no rudeigin mar sin.

"Tha cuimhne aice a bhith a' bruidhinn ri a seanair is a seanmhair mu bhith aig a' mhòine, 's a bhith a' cleachdadh mònadh airson an taighe, agus bhith aig na h-àirighean cuideachd - no "ruighean" ann an Siorrachd Pheairt," thuirt e.

Zamhr

Tha a' Ghàidhlig a th' aice a' freagairt gu dlùth ris na feartan cànain a chuala Máirtín Ó Murchú sna 70an.

"Bha iad a' fàgail a-mach fhuaimreagan gu math tric," thuirt Alasdair.

"'S mar sin, 's e "bain" a th' aice airson "bainne".

"Mar sin chan e "bainne, boinne no beinne" a th' againn, ach "bain".

"Agus bha i ag ràdh "geamhr" an àite "geamhradh", is "samhr" an àite "samhradh".

"Is cha robh iad ag ràdh "an t-Samhradh" ach "an zamhr".

"Is a bharrachd air sin, tha "burn", agus "uisg" againn, airson "bùrn" is "uisge".

"Thuirt ise, "o chan òladh tu uisge, sin a tha a' tuiteam às an iarmaillt, 's tha thu ag òl burn," thuirt e.

Is coltach gum bi i a' fuaimneachadh an fhacail "burn" dìreach mar a chanadh duine am facal Albais airson "allt".

Tha Alasdair, agus Nicky MacCriomain, a' teagasg chlasaichean Gàidhlig ann an Raitear, agus tha iad cuideachd an sàs, ann an diofar dhòighean eile, ann am feuchainn ri Gàidhlig ath-bheothachadh san sgìre.

Tha a bhith a' coinneachadh ris a' bhoireannach seo air misneachd mhòr a thoirt dhaibh.

"Ged a chuala sinn "it was never spoken here" no "it hasn't been spoken here for centuries" tha eisimpleir againn a-nis gu bheil ar cànan beò ann an Siorrachd Pheairt fhathast," thuirt Nicky.

"Tha seo cho cudromach," thuirt e.