"Gabhadh an Riaghaltas thairis"

Port-Adhair an Òbain Image copyright Chris/Geograph

Tha mì-chinnt mhòr ann mu na seirbheisean adhair eadar an t-Òban, Colla, Tiriodh agus Colbhasa.

Dhiult Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid an aon tairgse a fhuair iad, bho Hebridean Air Services, 'son na seirbheisean a ruith.

Thèid iad a-mach gu cùmhnant a-rithist, ach a-niste tha tè de na comhairlichean, Jean Moffat à Eilean Bhòid, ag ràdh gun cùmhnadh iad airgead le bhith a' stad de na seirbheisean uile gu lèir, no a' coimhead ri Riaghltas na h-Alba 'son an gabhail thairis.

"Tha na seirbheisean gu math fhèin cudromach airson nan eileanan," thuirt an Comh. Robin MacMhuirich, Cathraiche Buidheann Ro-innleachd Eileanan Earra-Ghàidheil 's Bhòid.

"Agus bha e gu math fhèin searbh nuair a chaidh cùmhnant a-mach an-uiridh. Thàinig e air ais agus bha iad ag iarraidh tuilleadh 's a' chòrr airson na seirbheisean a ruith airson nan ceithir bliadhna a tha ri tighinn.

"So feumaidh sinn a-niste a dhol a-mach a-rithist, agus tha sinn an dòchas gum bi cuideigin a-muigh an sin san dùthaich, 's gun cuir iad tairgse a-steach airson an airgid a tha a' Chomhairle a' cur suas airson nan seirbheisean," thuirt e.

Tha dragh ann, mura tèid cùmhnantaiche ùr a lorg ron Ògmhios, nach bi seirbheis ann.

"'S e sin a tha a' cur dragh ormsa, agus air muinntir nan eileanan.

"Ach chan eil mi a' smaoineachadh gu bheil stuth a mheanndas sinn a dhèanamh.

"Tha an Coimisean Eòrpach ag ràdh nach meannd sinn airgead a chur chun an fheadhainn a tha a' ruith nan seirbheisean airson gun lean iad treis eile," thuirt e.