Fearg mu dhùnadh an Rest and Be Thankful

An A83
Image caption Bidh an A83 dùinte gu tric aig an Rest and Be Thankful, (Bealach Ghlinn Chrò) ri linn mhaoimtean-slèibhe.

Tha luchd-iomairt ann an Earra-Ghàidheal fiadhaich mu phlana gus an A83 a dhùnadh aig an Rest and be Thankful fad ceithir oidhcheannan.

Tha Bear Scotland gu bhith a' dùnadh an rathaid agus iad airson teàrr a chur air.

Tòisichidh an obair air an 10mh là den Mhàrt, 's bidh an rathad dùinte bho 8:00f gu 05:00m.

Tha fearg san sgìre nach eil a' chompanaidh a' dol a dh'fhosgladh seann rathad an airm, a tha ga chleachdadh mar sheach-rathad nuair a tha maoimean-slèibhe a' dùnadh an A83, a' ciallachadh gum bi aig dràibhearan ri dhol timcheall taobh na Critheann-làraich agus Dail Màilidh.

Tha comhairlichean bhon bhuidhinn Argyll First air Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid ag iarraidh air comhairlean coimhearsnachd agus sluagh na sgìre sgrìobhadh gu Rùnaire na Còmhdhail airson am mì-thoileachas a dhèanamh follaiseach.

Thuirt an Comh. Dòmhnall Kelly à Cinn Tìre gun robh call mòr a' tighinn air eaconomaidh na sgìre a h-uile turas a bha an A83 dùinte, agus gun robh e deatamach gum biodh rathad an airm fosgailte.

Thuirt neach-labhairt Còmhdhail Alba gun robh iad fhèin agus Bear Scotland a' sgrùdadh dhòighean airson cùisean a dhèanamh cho rèidh 's a ghabhas fhad 's a tha an obair a' leantainn.