WildCats
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Cait-fhiadhaich "ann an cunnart"

27 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chan eil a-nis gu cait-fhiadhaich gu leòr ann an Alba airson 's gum bi am beathach buan gu nàdarra san dùthaich a rèir rannsachaidh ùir.

Tha an aithisg bhon Aonadh Eadar-nàiseanta airson Glèidhteachas Nàdair a' moladh iomadh bheachd airson an cumail buan - a' gabhail a-steach còmhradh air na dleasdanasan a th' air daoine le cait taighe.

Thathar cuideachd a' beachdachadh air cait-fhiadhaich a thoirt a-steach a dh'Alba às an Roinn Eorpa mar phàirt de phrògram bhriodaidh.

Tha Jenny Inglis ag aithris.