Barrachd a' tadhal air làraichean eachdraidheil

Taigh-Dubh Àrnoil Image copyright Trevor Rickard/Geograph

Thadhail 5% a bharrachd de luchd-turais air làraichean eachdraidheil nan Eilean Siar, a rèir fhigearan bho Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba.

Uile gu lèir an Alba, thadhail 5.2 millean neach air na làraichean aca air feadh na dùthcha.

Tha Àrainneachd Eachdraidheil Alba a' coireachadh buaidh an t-sreath thelebhisein Outlander airson an àrdachaidh.

Chunnaic Caisteal an Dùin faisg air Sruighlea - a tha a nochdadh ann an Outlander - àrdachadh de 14% ann an àireamhan luchd-tadhail an-uiridh.

Agus chunnaic Caisteal Urachadain, ri taobh Loch Nis, barrachd air 500,000 neach.

Anns na h-Eileanan Siar, chaidh còrr air 16,000 neach a thadhal air Taigh-Dubh Àrnoil ann an Leòdhas, agus còrr agus 6,500 air Caisteil Chiosmuil am Barraigh.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil na h-àireamhan seo a' sealltainn an dà chuid gu bheil àrdachadh anns na h-àireamhan de luchd-turais a tha a' tighinn thugainne, ach gu h-inntinneach tha e cuideachd a' sealltainn gu bheil barrachd dhaoine a tha a' còmhnaidh ann an Alba a' tadhal air na làraichean againn cuideachd," thuirt Ruairidh Greumach, a tha ag obair do dh'Àrainneachd Eachdraidheil Alba.

"Agus tha sinn a' faicinn sin ann an àrdachadh air a' bhallrachd againn, agus gu bheil daoine a' cur barrachd suime ann an eachdraidh agus dùthchas na h-Alba," thuirt e.

Tha ceannardan na buidhne an dòchas gun lean seo, agus gun toir na fiolmaichean Outlaw King, agus Mary Queen of Scots piseach a bharrachd air na h-àireamhan am-bliadhna.