Loganair: Steòrnabhagh gu Southend

Port-Adhair Southend Image copyright Getty Images

Tha Loganair air innse gum bi seirbheis ùr a' tòiseachadh eadar Steòrnabhagh agus Port-Adhair Southend faisg air Lunnainn, deireadh a' Chèitein.

Stadaidh am plèana airson leth-uair de thìde ann an Glaschu, ach gheibh luchd-siubhail faraidhean saora ADS airson na slighe gu lèir.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil seo a' fosgladh chothroman ùra do mhuinntir nan eilean.

"Tha mi a' smaoineachdainn gum bi iarrtas ann, sin agad na tha mi a' tuigsinn on bheagan còmhraidh a th' air a bhith agam timcheall air," thuirt Cathraiche Comataidh Comhdhail na Comhairle, Ùisdean Robasdan.

"Ach biomaid an dòchas cuideachd gun tàirneadh e tòrr dhaoine a-nuas bho cheann a deas Shasainn ann an seo fhèin.

"'S tha ceanglaichean a-mach à Lunnainn às a' phort-adhair seo do thòrr àiteachan san Roinn Eòrpa cuideachd.

"'S mar sin biomaid dòchasach, agus tha iad a' feuchainn ris an t-slighe seo a reic aig an àm seo cuideachd.

"Tha Loganair ag ràdh gu bheil e goireasach, agus gum bi thu gu math nas sgiobalta a' dol troimhe na bhiodh tu ann an Gatwick no ann an Heathrow fhèin.

"Tha e còrr is uair de thìde a-mach à baile Lunnainn fhèin cuideachd, ach tha mi a' tuigsinn gu bheil an t-slighe a-steach às, nach eil e buileach cho trang, agus tha ceanglaichean math ann.

"Agus cuideachd gheibh thu ADS à Steòrnabhagh sìos cho fada ri Lunnainn fhèin, agus bheir sin na prìsean sìos gu ìre tha mi a' smaoineachdainn, far am biodh e furasta do dhaoine falbh às an seo co-dhiù, pàigheadh air a shon," thuirt e.