Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ineos

Tha Ineos, a' chompanaidh dham buin fìneadair-ola Inbhir Ghràinnse, a' cur £1bn ris na goireasan aca san Rìoghachd Aonaichte. Thèid a' mhòr-chuid dheth sin a chosg an Alba, agus bidh mu leth dheth, £0.5bn, ga chosg air pìob ola is gas Raon Forties a chumail a' dol airson còrr is 20 bliadhna eile.

Na Làbaraich

Tha càineadh ann air Ball-Pàrlamaid Làbarach a thuirt gu bheil am pàrtaidh air a bhith a' gèileadh agus ag iarraidh mathanais ro thric airson gràin air Iùdhaich. Thuirt Leas-Cheannard nan Làbarach, Tom Watson, nach eil briathran Chris Williamson a' dèanamh dad ach tuilleadh connspaid. Chan eil ann ach seachdain bho dh'fhàg na h-uimhir de na Buill-Phàrlamaid Làbarach, 's iad ag ràdh nach eil am pàrtaidh mar a bu chòir ri aithrisean mu ghràin air Iùdhaich.

Brexit

Thuirt Rùnaire Bhrexit, Stephen Barclay, gu bheil Brexit gun aonta fhathast air a' bhòrd. Thuirt e cuideachd nach eil e ag iarraidh dàil air falbh às an Aonadh Eòrpach, an dèidh do Theresa May bhòt air sin a ghealltainn do Bhuill-Phàrlamaid ma thèid a plana a dhiùltadh an dàrna turas. Bidh bhòtadh ann an Taigh nan Cumantan an-diugh air atharrachadh ann an innleachd bharganachaidh an Riaghaltais.

Trump agus Kim

Tha ceannard Choirea a Tuath, Kim Jong-un, agus an Ceann-Suidhe Trump a' coinneachadh airson an dàrna turais ann an Hanoi, prìomh bhaile Bhietnam. Dh'aontaich Kim Jong-un air a' chiad choinneimh eachdraidheil eadar iad ann an Singapore an-uiridh obrachadh gu ruige cur às do dh'armachd niuclasaich na dùthcha aige.

Aonta nan Eilean

Tha dragh ann nach fhaigh na h-Eileanan Siar na bha dùil de dh'airgead à Aonta nan Eilean. Ged a thuirt Ceannard na Comhairle, Rodaidh MacAoidh, nach eil cinnt ann fhathast, tha buill eile ag ràdh gun deach innse dhaibh gur e mu £100m a bhios ann, 's tha iad ag ràdh nach ruig sin air an t-seòrsa sgeamaichean is phròiseactan air a bheil iad a' coimhead. Thèid a' chùis a thogail ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh.

Barraigh

Gheall Rùnaire na Slàinte nach bi an còrr dàil ann am pròiseact ospadail ùir Bharraigh. Choinnich Jeanne Freeman ri riochdairean Bharraigh ann an Dùn Èideann an-dè. Thuirt an Comh. Dòmhnall Manford gu bheil esan a-niste gu math nas dòchasaiche gun tèid am pròiseact air adhart mar a bha dùil.

Cidhe an Tairbeirt

Tha càradh aig alt-aiseig an Tairbeirt a' ciallachadh gum feum carbadan a dhol taobh Steòrnabhaigh no taobh Loch nam Madadh agus Chaolas na Hearadh eadar feasgar an-diugh agus Dimàirt seo tighinn. Tha na càballan air alt-aiseig an Tairbeirt feumach air ùrachadh. Bidh clàr-ama ann mar as àbhaist do luchd-siùbhail ach 's ann air chois a-mhàin, agus cha toir seo buaidh sam bith air seirbheisean Loch nam Madadh.

Seirbheis Adhair

Tha deasbad ann an-diugh air an t-seirbheis-adhair eadar an t-Òban, Colla, Tiriodh agus Colbhasa an dèidh dearbhadh bho chionn cola-deug gum bi beàrn anns an t-seirbheis airson ùine am-bliadhna. Tha buidheann ro-innleachdach Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gu bhith a' bruidhinn air sin agus air gnothaichean eile mar bhuaidh bochdainn connaidh air na h-eileanan.