Mì-chinnt fhathast mu Aonta nan Eilean

Airgead Image copyright PA

Chan eil cinnt fhathast dè gheibh Comhairle nan Eilean Siar fo Aonta nan Eilean, a rèir Cheannard na Comhairle, Rodaidh MacAoidh.

Ach tha grunn bhall eile air a ràdh gun deach innse dhaibh-san gum biodh e timcheall air £100m.

Ma 's e sin a' chùis, chan eil e faisg air na bha a' Chomhairle ag iarraidh.

Bha iad air sreath de phròiseactan calpa a chur chun an dà Riaghaltais.

Rudan Mòra

Tha Iar-Chathraiche Comataidh Poileasaidh is Stòrais na Comhairle, Alasdair MacLeòid, ag ràdh gum bi iad a' dèanamh argamaid gu math làidir anns a' Phàrlamaid an Dùn Èideann.

"Chan eil ann ach fathann fhathast, agus chan eil duine cinnteach," thuirt e.

"Tha sinne a' dol dhan Phàrlamaid 'son coinneachadh ris na BPA agus tha sinn a' lorg taic bhon a h-uile taobh.

"Tha sinne ag iarraidh na 's urrainn dhuinn fhaighinn, agus mar as motha 's ann as fheàrr a bhios e dha pròiseactan bun-structair a th' againn anns an àm ri teachd.

"Dh'aontaich an dà Riaghaltas, a' dol air ais mìosan mòra, gun cuireadh iad taic ri Aonta nan Eilean.

"Tha Lunnainn beagan slaodach, ach tha mi a' creidsinn gu bheil sinn a' tuigsinn carson a tha sin.

"Tha rudan eile - rudan mòra - aca ri dhèiligeadh ris.

"Ach aig deireadh an là tha sinn dòchasach gum faigh sinn an t-airgead - mura faigh sinn uiread 's a tha sinn ag iarraidh, gum faigh sinn cnap math a nì feum mòr dha na h-Eileanan anns na bliadhnaichean a tha romhainn," thuirt e.