Luchd-coise a-mhàin air aiseag an Tairbeirt

Cidhe an Tairbeirt Image copyright David Crocker/Geograph

Cha bhi seirbhisean aiseig ann airson charbadan bho Thairbeart na Hearadh airson còig làithean bho Dhiardaoin (28mh Gearran), agus obair ga dèanamh air a' chidhe.

Feumar càballan ùra a chur air an alt-aiseig.

Fhuaireadh gun robh na càballan air caitheamh nuair a chaidh sgrùdadh a dhèanamh air goireasan a' chidhe.

Mar sin dùinidh an t-alt-aiseig fhad 's a tha iad a' cur feadhainn ùra ann.

Fosgailte

Tha iad an dòchas nach toir seo barrachd na còig làithean, agus gum bi an t-slighe fosgailte a-rithist do chàraichean Diluain.

Tha CMAL, a' chompanaidh ris a bheil an cidhe an urra, an dòchas nach bi cùs buaidh aig an obair air luchd-siubhail.

Bidh an t-seirbheis mu dheireadh do charbadan ann Diciadain (27mh Gearran) aig 4:00f.

Thuirt CalMac gum biodh seirbheisean ann do dhaoine air chois a-mhàin thairis air an deireadh-sheachdain.

Ach tha a' chompanaidh ag iarraidh air luchd-siubhail sùil a thoirt air an làraich-lìn aca air eagal 's gun atharraich an clàr-ama.