Seusan ùr na h-iomain

Pàirc a' Bhucht

Tha e coltach gur e Abrach air choireigin a chuir am beachd air adhart. Grunn thursan.

Inneal ùr-nodha, iongantach, sònraichte, a chuireadh air dòigh geamaichean na h-iomain leis fhèin.

Bespoke an tuirt thu?

Thuirt Comann na Camanachd (le osna, 's dòcha) nach eil leithid de dh'inneal ann, fiù 's ged a bhiodh airgead gu leòr aca a cheannach.

Agus 's math nach eil, oir tha a h-uile coltas ann gum biodh na seachdainean mu dheireadh air an inneal bochd a chur gu tur drol.

Le clàr nan geamaichean 'son 2019 mu dheireadh thall dèante, tharraing Loch Abar an dàrna sgioba à Liog Tuath 2, is fathanan gun robh - 'son treis co-dhiù - ceistean mun chiad sgioba fhèin.

Dh'iarr Inbhir Nis an uairsin a dhol sìos bhon Lìog Nàiseanta gu Lìog Tuath 1. Dh'innis Srath Chura gun robh iad a' tarraing a-mach à Liog Deas 2.

Ceistean

Tha seo uile a' fàgail cheistean gu leòr mu shuidheachadh na h-iomain agus na sgìrean far a bheil an spòrs air a chluich. Ceistean air am feum Comann na Camanachd is eile meòrachadh.

San eadar-ama 's e faochadh a th' ann gu bheil aire a' tionndadh air a' phàìrc is seusan nam fear, seachdain air deireadh air na boireannaich, gus tòiseachadh Disathairne.

Agus 's e seòrsa de dh'inneal shònraichte, ged nach eil e uile gu lèir ùr-nodha, a dh'fheumas a h-uile duine eile a leagail ma tha iad gus soirbheachadh.

Bha gu leòr againn den bheachd gun robh na làithean a b' fheàrr aig Bail' Ùr an t-Slèibh air an cùlaibh, is chan eil mòran fhathast a chanadh nach eil, ach sheall sgioba Bhàideanach uair eile an-uiridh gu bheil tàlant, lùths is eòlas gu leòr fhathast aca.

Tha fios aig a' Bhail' Ùr mar a bhuannaicheas iad na geamaichean mòra is tha miann mòr annta fhathast duaisean a chàrnadh, agus gu leòr de chluicheadairean òga math gus taic a chumail ris an fheadhainn nas sine. Ged a dh'innis fear dhiubh sin, Tormod Caimbeul, an-uiridh gun robh e a' sguir a chluich, tha a h-uile coltas ann gum bi am Bail' Ùr fìor làidir a-rithist anns na mìosan ri tighinn.

Cò dh'fhaodadh ceann a' mhaide a chumail riutha ma-thà?

Bha treis an-uiridh nuair a bha Ceann Loch Seile ag amas air Grand Slam. Air a' cheann thall, chaill iad sreath de gheamaichean an aghaidh a' Bhail' Ùir a dh'fhàg nach do bhuannaich iad ach Cupa MhicAmhlaidh.

Ceistean aca ri fhreagairt am-bliadhna.

Image caption Gàirdeachas a' Bhaile Ùir às dèidh tadhail bho Iain Robinson ann an cuairt dheireannach Chupa MhicThàmhais an-uiridh.

Chan e sgioba uile gu lèir òg a th' ann an Seile nas motha is tha seusan mòr rompha ma tha iad gus brath a ghabhail air a' ghinealach seo fhad 's a tha e fhathast aca.

Tha Lòbhat air a bhith am measg nan duaisean is nan geamaichean mòra anns na bliadhnaichean mu dheireadh, is tha iad air a' bhuidheann aca a neartachadh le Friseal Heath a thoirt a-steach bho Ghleann Urchadain.

Chan eil ceist mun tàlant a th' aca ann an Cill Taraglain, ach tha mun dòigh san do chaill iad ris a' Bhail' Ùr a-rithist ann an cuairt dheireannach Chupa na Camanachd an-uiridh, mar a chaill iad ann an 2017.

Bha coltas fireannaich an aghaidh bhalach air a' chùis, rud a dh'fheumas Lòbhat atharrachadh ma tha iad gus adhartas a dhèanamh.

Tha manaidsear ùr air Caol Bhòid, is Donnchadh MacIlleChiar gu bhith a' feuchainn ri cothromachadh a dhèanamh eadar cluich is stiùireadh.

Tha faireachdainn a' leantainn nach eil sgioba Thaigh na Bruaich fhèin air a' chuid as fheàrr fhaighinn à ginealach tàlantach.

Adhartas

'S e an dùbhlan a th' aig MacIlleChiar feuchainn ris an sgioba as làidire aca fhaighinn air a' phàirc gu cunbhalach. Ma nì e sin, bidh cothrom aig Caol Bhòid a bhith am measg nan duaisean a-rithist.

Ann an Ceann a' Ghiuthsaich tha obair a' leantainn air ginealach ùr a thoirt air adhart is dòchas ann gu bheil cluicheadairean aca a thilleas an cluba gu àrd-ìre.

Sheall iad turas no dhà an-uiridh nach eil iad fada bhuaithe a-nise is bidh iad ag amas air an tuilleadh adhartais am-bliadhna. 'S e ceum air adhart a bhiodh ann cupa a bhuannachadh.

'S e Camanachd an Òbain sgioba eile a tha ag amas air adhartas. Rinn iad sin an-uiridh leis a' Chupa Cheilteach a thogail, a' chiad duais mhòr aca ann an grunn bhliadhnaichean.

Thuirt iad an uairsin gur e toiseach-tòiseachaidh ùr a bh' ann dhaibh is gun robh tuilleadh soirbheachais san amharc. Gu follaiseach tha tàlant san sgioba is 's e an dùbhlan a th' ann a-nise togail air na rinn iad an-uiridh.

Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh
Mar a bhuannaich Camanachd an Òbain Cupa Chomainn Cheiltich Ghlaschu an 2018.

Tha sgioba choidsidh ùr aca feuch sin a thoirt gu buil is Coinneach Wotherspoon, a tha air obair mhath a dhèanamh aig Celtic an Òbain, gu bhith ag obair còmhla ri Steafan Sloss.

Tha Cill Mhàillidh a' tilleadh dhan Phrìomh Lìog às dèidh seusain gu math soirbheachail nuair a bhuannaich iad an Lìog Nàiseanta is nuair a ràinig iad iar-chuairt dheireannach Chupa na Camanachd, a' call ri Bail' Ùr an t-Slèibh air slaicean-peanais.

Ged a dh'fhàg Mark Mac a' Phearsain dreuchd a' mhanaidseir às dèidh sin, chaidh Iain Stiùbhart na àite le planaichean mòra.

Ma 's urrainn dha Cill Mhàillidh a stèidheachadh gu sàbhailte sa Phrìomh Lìog 's e adhartas a bhiodh ann, is bu chòir co-dhiù gun dèan iad an gnothach air sin.

Dh'fhaodadh gum bi strì aig na trì sgiobaidhean eile.

Eòlas

Às dèidh tàire uabhasach a bhith aca manaidsear a lorg, thug Loch Abar air a' cheann thall air Mìcheal Delaney tilleadh dhan dreuchd.

Tha Delaney fhèin ag aideachadh gur e fuireach sa Phrìomh Lìog an targaid, is ged is e call a bh' ann an dàrna sgioba a bhith a' dol à bith, bheir sin co-dhiù barrachd doimhneachd dha Delaney.

Thòisich Cabair Fèidh fìor làidir an-uiridh agus 's e sin air a' cheann thall a chum iad sa Phrìomh Lìog, is iad air tuiteam air falbh gu dona tron t-seusan.

Bidh iad an dòchas gu bheil iad air ionnsachadh bhon t-seusan sin is le Caoimhin Bartlett fhathast air bòrd, tha cothrom an-còmhnaidh aca air tadhal.

Ma thèid aca air an ochdamh àite a ghlèidheadh 's e deagh sheusan a bhios ann.

Chan eil sin a' fàgail ach Inbhir Aora, a thill dhan Phrìomh Lìog còmhla ri Cill Mhàillidh.

Ged a tha feadhainn òga fìor mhath aca, leithid Scott MhicLachlainn is Friseal Watt, tha ceist ann mun doimhneachd ann am buidheann Inbhir Aora, is iad fhathast gu mor a' crochadh air Garry Mac a' Phearsain, fear a bhios 43 am-bliadhna.

Ionnsaichidh an fheadhainn òga bho a bhith a' cluich sa Phrìomh Lìog, ach dh'fhaodadh gum bi seusan doirbh aig balaich Loch Fìne.

San Lìog Nàiseanta bidh na Sgitheanaich ag amas air tilleadh dhan ìre as àirde.

A dh'aindeoin cho doirbh 's a bha 2018, bha iad air a' cheann thall faisg air fuireach sa Phrìomh Lìog, is le sgioba choidsidh ùr ann le Coinneach is Ailean MacLeòid os cionn chùisean, tha sgioba an Eilein ann an suidheachadh math an Lìog Nàiseanta a bhuannachadh.

Bheir na geamaichean càirdeil na h-uimhir de dhòchas dhaibh is iad air soirbheachadh an aghaidh Lòbhait agus Cheann Loch Seile.

Oidhirp

Thig farpais bho Ghleann Urchadain far a bheil Eddie Tembo is Stiùbhart Mac an Tòisich a-nise nam manaidsearan.

Ged a chaill iad Friseal Heath, tha na manaidsearan ùra air na bràithrean Brady a thoirt air ais dhan chluba.

Bidh an Gearasdan is Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal cuideachd a' dèanamh oidhirp eile air tilleadh dhan Phrìomh Lìog.

Ann an Lìog Tuath 2 bha seusan air leth aig na Leòdhasaich ann an 2018 is iad a' crìochnachadh san ochdamh àite le 14 puingean, is le cluicheadairean òga a' tighinn a-steach dhan sgioba.

Ged a tha feadhainn gu bhith a dhìth orra tràth san t-seusan is dùil nach bi cùisean furasta a' chiad ghreis, bidh na Leòdhasaich ag amas air togail air adhartas 2018 le grunn gheamaichean a bhuannachadh a-rithist, is tuilleadh eòlais a thoirt dhan òigridh sin.

Brag nan caman air ais ma-thà. Gheibhear clàr gheamaichean a' chiad là an seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile