Puingean luachmhor 'son Chounty

Billy MacAoidh Image copyright SNS
Image caption Billy MacAoidh ann an èiginn às dèidh dha an tadhal a bhuannaich an geama a chur.

Neartaich Ross County an suidheachadh aca aig mullach an Championship is iad a' soirbheachadh 3-2 an aghaidh Ayr United ann an Inbhir Pheofharain.

'S e Billy MacAoidh an gaisgeach do Chounty às dèidh dha na tadhail air fad a chur, ged a bha buille mhòr ann dha fhèin is County ro dheireadh na h-oidhche is coltas ann gun deach a ghàirdean a bhriseadh.

'S e MacAoidh a chuir County air thoiseach sa chiad leth is e a' togail air ball àrd a-steach dhan bhocsa bho Jamie Lindsay mus do stiùir e am ball seachad air Ross Doohan.

Rinn Iain MacColla atharrachadh no dhà san dàrna leth le Mark Kerr a' tighinn air is Calvin Miller a' gluasad dhan làimh dheis.

Thàinig an sgioba aige beò is bha iad co-ionnan le tadhal fior mhàth, a' fosgladh Chounty suas mus do chuir Lawrence Shankland am ball dhan lìon.

Ged a bha coltas ann gun robh làmh an uachdair gu bhith aig Ayr, 's e County a chaidh air thoiseach às ùr le tadhal àlainn bho astar bho MhacAoidh.

Car

Cha do sheas e fada, Andaidh Murdoch a' nochdadh aig a' phost chùil cha mhòr sa bhad gus Ayr a thoirt co-ionnan a-rithist aig 2-2.

Bha car eile sa ghnothach ge-tà, is County a' dol air ais suas a' phàirce is MacAoidh leis an tadhal a bhuannaich an geama dhaibh, ged a ghoirtich e e fhèin ga chur a-steach.

Tha dùil a-nise gum bi esan a-mach ùine ach thug na trì puingean County ochd puingean air thoiseach air Ayr agus geama a bharrachd aca ri chluich.

"Tha spiorad air leth san sgioba is sheall iad sin uair eile," thuirt co-mhanaidsear Chounty, Steafan Fearghasdan.

"Tha e coltach gu bheil gàirdean Bhilly briste, bha coltas gu math goirt air, ach tha sinne a' creidsinn sa bhuidhinn againn agus feumaidh sinn a-nise ullachadh airson an ath-gheama an aghaidh Morton," thuirt e.

Thuirt Iain MacColla gun robh e den bheachd gun robh Ayr airidh air puing is gu bheil dòchas aige fhathast.

"'S e lìog iongantach a tha seo. Ma bhuannaicheas sgioba sam bith trì no ceithir geamaicheann ann an sreath bidh a h-uile sian ag atharrachadh. Sin an t-amas againn a-nise," thuirt e.

Daoimean

Leum Dundee United os cionn Ayr dhan dàrna àite oidhche Mhàirt nuair a rinn iad a' chùis air Caley Thistle 1-0 aig Tannadice.

'S e breab-peanais bho Nicky Clark san dàrna leth a rinn a' chùis dhaibh is iad fhathast còig puingean air cùl Chounty is air geama a bharrachd a chluich.

'S e buille a bh' ann do sgioba Inbhir Nis, is le Dùn Phàrlain cuideachd a' buannachadh chan eil iadsan a-nise ach dà phuing air cùl ICT.

"Briseadh-dùil a bh' ann. Tha mi a' smaointinn gun do thòisich United math is cothroman aca, ach thàinig sinn a-steach dhan gheama," thuirt manaidsear ICT, Iain Robasdan.

"Dh'atharraich sinn ar siostam beagan le daoimean a chleachdadh feuch dragh a chur orra," thuirt e.

Tillidh Inbhir Nis a Thannadice Didòmhnaich ann an Cupa na h-Alba.