"Cothromachadh" eadar fiadh-bheatha is croitearachd

Uain

Thuirt Caidreachas Croitearachd na h-Alba gum feumar cothromachadh a dhèanamh eadar fiadh-bheatha agus croitearachd.

Dh'innis a' bhuidheann gu bheil buill air tighinn thuca bho chionn ghoirid le draghan gu bheil geòidh, fèidh is iolairean-mara a' toirt droch bhuaidh air an obair aca.

Chuir iad sgrùdadh air dòigh.

Tha sin a-nise air sealltainn gun tuirt 30% a fhreagair gun robh fèidh a' toirt buaidh orra le a bhith ag ithe feòir, chraobhan is biadh nam beathaichean.

Thog 16% air iolairean-mara a bhith a' falbh le uain is fiù 's òthaisgean.

Nochd 36% dragh mu na geòidh a bhith a' milleadh feòir is bhàrr.

Àrd

A bharrachd air seo, thog 40% draghan mu bheathaichean eile, is cuid de chroitearan ag innse nach eil iad a' cumail chearcan tuilleadh is sionnaich is eile air call a dhèanamh orra.

Thuirt Russell Mac a' Ghobhainn bho Chaidreachas Croitearachd na h-Alba gun do chuir cho àrd 's a bha na figearan iongnadh orra.

Dh'innis e gu bheil iad airson is gun soirbhich fiadh-bheatha is gu bheil croitearachd fhèin a' cur dìon air an àrainneachd agus air fiadh-bheatha.

Thuirt e ge-tà, gum feumar cothromachadh a dhèanamh eadar còir chroitearan bith-beò a dhèanamh, coir stuic a bhith a' tighinn beò gun phian agus eagal, agus còir bheathaichean fiadhaich a bhith a' tighinn beò ann an àrainneachd nàdarra.

Gheall e gun obraich Caidreachas Croitearachd na h-Alba le SNH agus Riaghaltas na h-Alba feuch an cothromachadh sin a chur an sàs.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile