Dìth ullachaidh mu choinneimh Bhrexit

Brataich

Sheall sgrùdadh bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean gu bheil glè bheag de chompanaidhean aig tuath air ullachadh a dhèanamh mu choinneimh Bhrexit.

Chuir HIE romhpa an rannsachadh a dhèanamh feuch gnìomhachasan a bhrosnachadh planaichean a chur air dòigh airson dèiligeadh ri buaidh falbh às an EU.

Bhruidhinn iad ri còrr is 1,000 companaidh air a' Ghàidhealtachd is anns na h-Eileanan, ann an Earra-Ghàidheal is ann am Moireibh.

Cha tuirt ach 17% gu bheil plana aca a thaobh Bhrexit, is 20% eile ag aideachadh gu bheil feum aca plana a dhealbh.

Mì-chinnt

Dh'innis 70% gu bheil Brexit am measg nan dùbhlan as motha a th' ann dhaibh, ged a bha 13% den bheachd nach robh cunnart idir ann.

A dh'aindeoin seo air fad, sheall an sgrùdadh cuideachd na h-uimhir de dhòchas.

Bha 63% de chompanaidhean misneachail mu staid na h-eaconomaidh gu h-ionadail, is bha 80% dòchasach mun t-suidheachadh aca fhèin air thoiseach air Brexit.

Thuirt HIE gu bheil mì-chinnt ann mu Bhrexit ach gu bheil taic ann do chompanaidhean a bhith cho ullaichte 's a ghabhas.

Thuirt iad gum faigh gnìomhachasan comhairle air an làraich aca fhèin agus an seo.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile