Oidhche mhòr an Inbhir Pheofharain

Ross County Image copyright SNS
Image caption Ross County is Ross Stiùbhart ann an sunnd aig Firhill Disathairne.

Tha cothrom aig Ross County ceum eile a ghabhail a dh'ionnsaigh tilleadh dhan Phrìomh Lìog oidhche Mhàirt nuair a thig Ayr United a dh'Inbhir Pheofharain.

Nan dèanadh County an gnothach bhiodh iad ochd puingean air thoiseach air Ayr is iad air geama nas lugha a chluich.

Dh'fhaodadh sin a bhith na buille-bàis do chothroman Ayr air an tiotal, ged a tha Dundee United fhathast le cothrom cuideachd.

Thig County a-steach dhan gheama làn misneachd às dèidh dhaibh a' chùis a dhèanamh air Partaig Disathairne, ged a bha iad 2-0 air deireadh aig leathach slighe.

Sunnd

B' e freagairt làidir a bha sin bho Chounty às dèidh buille tron t-seachdain is Caley Thistle air an cur a-mach à Cupa na h-Alba.

"Nuair a bha na cluicheadairean a' creidsinn annta fhèin san dàrna leth, is nuair a rinn sinn na rudan a tha sinn air a bhith a' dèanamh tron mhòr-chuid den t-seusan, chì thu cho math 's a bha sinn", thuirt co-mhanaidsear Chounty, Stiùbhart Kettlewell.

"Cuideachd nuair a tha Ross Stiùbhart ann an sunnd mar a bha e, tha an-còmhnaidh cothrom ann tadhal fhaighinn", thuirt e.

Le ceithir tadhail anns na ceithir geamaichean mu dheireadh aige, bidh aig Ayr ri sùil gheur a chumail air an Stiùbhartach oidhche Mhàirt.

'S e fear-aghaidh a bha a' lasadh a-steach nan tadhal mar sin a bu choireach 'son cho math 's a tha Ayr United fhèin air a bhith tron t-seusan seo.

Image copyright SNS
Image caption Chan eil 2019 air a bhith ro mhath dha Lawrence Shankland thuige seo.

Chuir Lawrence Shankland 28 tadhail ron Nollaig is sgioba Iain MhicColla a' sreap gu mullach na lìge.

Ach às dèidh dha cha mhòr am Faoilleach gu lèir a chall is e air a ghoirteachadh, chan eil Shankland ach air dà thadhal a chur thuige seo ann an 2019.

Aig an aon àm, chan eil Ayr ach air aon de na ceithir geamaichean mu dheireadh aca a bhuannachadh is cha do chuir iad tadhal idir san dà mu dheireadh dhiubh sin.

Tha Ayr mar-thà air dèanamh tòrr nas fheàrr air an t-seusan seo na bha dùil, ach ma tha iad gus fuireach san rèis airson an tiotail tha cruaidh-fheum air co-dhiù co-dhiù puing an Inbhir Pheofharain.

Trioblaidean

"Tha sinn air ar dòigh gu bheil geama eile againn an seo is cothrom cho truagh 's a bha sinn Disathairne a chur air ar cùl", thuirt Iain MacColla.

"Bidh e doirbh ach rinn sinn math an turas mu dheireadh a bha sinn suas an sin agus sheall sinn gun urrainn dhuinn trioblaidean adhbharachadh dhaibh", thuirt e.

Chìthear an geama oidhche Mhàirt beò air BBC ALBA, am prògram a' tòiseachadh aig 7:40f.

Tha geama aig Caley Thistle cuideachd is coltas gum bi County is Ayr a' cumail sùil air mar a thèid le ICT an aghaidh Dundee United aig Tannadice.

'S e geama fìor chudromach a tha seo dha sgioba Iain Robasdain fhèin ge-tà, is cothrom aca an suidheachadh anns na h-àiteachan play-off a neartachadh.