Dòchas ùr an Àirinis

Gàrradh Àirinis

Tha dòchas air tuilleadh obrach co-cheangailte ri cumhachd ath-nuadhachail aig Gàrradh Àirinis ann an Leòdhas is cùmhnant sia mìosan dìreach air tòiseachadh.

Thug an staing anns an robh a' chompanaidh BiFab droch bhuaidh air a' ghàrradh is cha robh ach àireamh bheag de dhaoine stèidhichte ann anns na mìosan mu dheireadh.

Tha an cùmhnant ùr seo air leigeil leis a' ghàrradh fosgladh às ùr agus thathas a' fastadh luchd-obrach.

Thàinig a' chiad luchd de chlàran stàilinn dhan ghàrradh aig toiseach na seachdain seo agus dùil ri tuilleadh anns na seachdainean ri tighinn.

Buannachd

Thèid a chleachdadh gus uidheamhachd a thogail a cheangaileas tuathan-gaoithe aig muir ri grunnd na mara.

Tha dùil gum bi timcheall air 60 duine ag obair aig Àirinis fhad 's a tha an cùmhnant seo a' dol.

Thathas an dòchas gur e toiseach-tòiseachaidh ùr a th' ann dhan ghàrradh.

Dh'innis a' chompanaidh DF Barnes, a cheannaich BiFab, gu bheil iad den bheachd gur e goireas math dha-rìribh a th' ann an Àirinis is gu bheil iad airson tuilleadh obrach a thoirt dhan ghàrradh.

Tha iad ag ràdh gu bheil sreath de phròiseactan san amharc ann an Alba an-dràsta a dh'fhaodadh a bhith nam buannachd a thaobh obair a chur a dh'Àirinis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile