Dragh mu sheirbheisean dementia

Ospadal nan Eilean

Tha comhairlichean eileanach air draghan a thogail mun ìre de sheirbheis a tha ri fhaotainn sna h-Eileanan Siar airson dèiligeadh ris na tha de dhaoine a tha a' fulang le dementia anns a' choimhearsnachd.

Tha seo às dèidh mar a dhùin Uàrd a' Chliseim ann an Osapdal nan Eilean ann an Steòrnabhagh an-uiridh.

Nochd draghan aig an àm gum biodh droch bhuaidh aige, agus a-nis tha comhairlichean a' ceasnachadh an deach an rud ceart a dhèanamh.

Bha an uàrd a' dèiligeadh le daoine a bha a' fulang le dementia agus tinneas inntinn.

Aig coinneimh de Chomhairle nan Eilean Siar madainn Dimàirt, dh'innis Ceannard a' Chùraim 's na Slàinte, Ron Culley, nach robh gnothach aig ionmhas ris a' cho-dhùnadh an uàrd a dhùnadh.

Fàs

Thuirt e gun deach an uàrd a dhùnadh air sgàth 's nach robh e idir ceart a bhith a' cumail dhaoine le dementia anns an ospadal airson ùine fhada.

Dh'fheumadh iad a bhith aig an taigh no ann an dachaigh-chùraim, thuirt e.

Ach thog cuid de chomhairlichean dragh.

Thuirt an Comh. Calum Mac'IllEathainn bhon Loch a Tuath, gu bheil dementia a' fàs nas cumanta am measg seann daoine, agus e a' ceasnachadh a bheil na seirbheisean anns a' choimhearsnachd ceart airson dèiligeadh ris.

Thuirt fear de chomhairlichean Steòrnabhaigh a Deas, Ray MacCoinnich, gum bu chòir Uàrd a' Chliseim fhosgladh a-rithist, agus obrachadh mar sheòrsa de dhachaigh-chùraim anns an ospadal.

Thuirt an Dr Culley ge-tà, nach gabhadh sin dèanamh.