Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Caibineat Theresa May a' coinneachadh aig Sràid Downing agus cuideam a' sìor fhàs air a' Phrìomhaire stad a chur air Brexit gun aonta. Tha triùir de mhinistearan riaghaltais - Richard Harrington, Claire Perry agus Margot James - ag ràdh gun cuir iad bhuapa an dreuchd mura geall a' Bh-Ph. May nach fhàg an Rìoghachd Aonaichte an t-Aonadh Eòrpach gun aonta. Thuirt am Prìomhaire a-rithist nach eil dad de dhùil aice maill a chur air pròiseas Bhrexit.

Chaidh Rùnaire Bhrexit nan Làbarach, Sir Keir Starmer, às àicheadh gu bheil sgaradh bheachd am measg nan ceannardan Làbarach mu na roghainnean a bhiodh ann an referendum eile. Thuirt Jeremy Corbyn an-raoir gun iarr na Làbaraich referendum eile mura gabh na Cumantan ris an rud a tha iadsan a' moladh. Thuirt Mgr Starmer ge-tà, gur e as coltaiche a bhiodh ann an referendum eile ach taghadh eadar fuireach anns an EU, no fàgail le aonta chiallach. Ach chaidh rabhadh a thoirt do Mhgr Corbyn gum faodadh na h-uimhir de Bhuill-Phàrlamaid Làbarach cur an aghaidh iarrtais airson referendum eile.

An Càirdineal Seòras Pell

Thuirt fear a bha na oifigeach anns a' Bhatacan gun dèan e tagradh an aghaidh dìteadh airson drabastachd an aghaidh dithis bhalach anns na 90an. Chaidh an Càirdineal Seòras Pell fhaighinn ciontach ann an cùirt Astràilianaich an-uiridh. Ach cha tàinig sin am follais gu bho chionn ghoirid nuair a chaidh cur às do chasaidean eile na aghaidh.

Tidsearan

Tha tuilleadh chòmhraidh ann an-diugh eadar aonaidhean tidsear agus na h-ùghdarrasan ionadail. Dhiùlt an t-aonadh EIS an tairgse pàighidh as ùire an t-seachdain seo chaidh. Thèid innse dhan luchd-fastaidh an-diugh gun tèid an t-iarrtas airson 10% a bharrachd a stèidheachadh às ùr. Tha an EIS am beachd tòiseachadh an ceann cola-deug air baileat airson stailce.

Celtic

Tha a h-uile dùil gum fàg Brendan Rodgers Celtic an dèidh dhan chluba cead a thoirt dhan mhanaidsear aca bruidhinn ri Leicester City. Tha Leicester a' coimhead airson mhanaidseir ùir an àite Claude Puel, a chaill a dhreuchd air an deireadh-sheachdain. Tha Leicester anns an 12na h-àite ann am Prìomh Lìog Shasainn, ach chan eil iad ach ceithir puingean os cionn a' chunnairt a th' aig a' bhonn. Tha e coltach gum bi an coidse, John Kennedy, os cionn Celtic airson a' gheama sa Phrìomh Lìog an ath-oidhche an aghaidh Hearts aig Tynecastle. Agus tha aithrisean ann gum faodadh Neil Lennon tilleadh mar mhanaidsear eadar seo agus deireadh an t-seusain.