Tionndadh Mòr na Fèinne

Dùn Deardail Image copyright Jim Bain/Geograph
Image caption Tha gu leòr de na sgeulachdan ceangailte ri àiteachan, leithid Dùn Deardail, os cionn Loch Nis, a tha ceangailte ri sgeulachd Deirdre.

Thèid Gàidhlig an là an-diugh a chur air seann sgeulachdan na Fèinne.

Tha Urras Leabhraichean na h-Alba air a bhith ag obair còmhla ri Comhairle nan Leabhraichean gus taic-airgid agus cuideachadh a thoirt do sgrìobhadaireanan 'son an cuid obrach a leasachadh.

'S e an sgrìobhadair agus an craoladair Gàidhlig, Ruairidh MacIlleathain a fhuair a' chomhaltachd (fellowship) Gàidhlig, agus e airson na seann sgeulachdan a dhèanamh nas fhasa a leughadh do Ghàidheil an là an-diugh - gu h-àraid daoine òga.

"'S e rud ris an canar "Ignite" no 's dòcha "Las" ann an Gàidhlig, agus 's e rud ùr a th' ann, agus Urras Leabhraichean na h-Alba agus Comhairle nan Leabhraichean ag obair còmhla airson rud Gàidhlig a chur air adhart," thuirt Mgr MacIllEathain.

Bunaiteach

"Agus bha mi gu math fortannach gun d' fhuair mi e.

"'S e a bhios fa-near dhomh, 's e a bhith a' toirt sùil air sgeulachdan na Fèinne mar a th' againn ann an dualchas na h-Alba, agus a' dèanamh ath-sgrìobhadh air gu leòr dhiubh airson an cur ann an Gàidhlig an là an-diugh.

"Tha mi air a bhith mothachail thairis air na bliadhnaichean gu bheil dualchas air leth againn de sgeulachdan na Fèinne, agus 's e glè bheag de dhaoine a tha gan aithris an-diugh.

"Mhothaich mise nuair a bha mi a' leughadh nan seann tùsan airson nan leabhraichean, gun robh iad air an cruinneachadh o chionn fhada, o chionn 150 bliadhna, is a bharrachd air sin 's e seann Ghàidhlig a bh' ann an uair sin, agus tha e doirbh do dhaoine an là an-diugh - gu h-àraidh òigridh - a bhith a' gabhail gnothaich ris na sgeulachdan air sgàth sin.

"Saoilidh mi gu bheil an t-àm ann airson ùrachadh a dhèanamh orra.

"Nuair a tha thu a' coimhead air eachdraidh nan Gàidheal, bha na sgeulachdan seo bunaiteach dhuinn mar shluagh, saoilidh mi, airson fèin-aithne nan Gàidheal - an dà chuid ann an Èirinn agus Alba.

"Ach tha diofar mòr air tachairt eadar an dà dhùthaich bhon uair sin.

"Tha na h-Èireannaich air cumail ris na sgeulachdan, tha na h-Albannaich air an cur ann an dearmad gu mì-fhortannach.

Seann Bhriathrachas

"Agus saoilidh mi gu bheil fhathast rudeigin aca a tha sònraichte.

"Tha iad co-cheangailte ri mòran àiteachan air tìr - gu h-àraidh air a' Ghàidhealtachd.

"Tha iad co-cheangailte ri ar dualchas, agus mar a tha sinn a' coimhead oirnn fhèin.

"Agus saoilidh mi gu bheil iad gu math spòrsail aig amannan cuideachd.

"Tha mi dìreach airson ùrachadh a dhèanamh orra, 's ma tha daoine airson gnothach a ghabhail riutha - tidsearan, pàrantan, daoine sa choimhearsnachd, sgeulaichean - an uair sin bidh e nas fhasa dhaibh.

"Dh'fhaodamaid rudeigin a chall 's dòcha, ach tha cuid mhath de na sgeulachdan, tha iad air Tobar an Dualchais, le seann-daoine gan aithris ann an Gàidhlig, 's tha tùsan sgrìobhte againn cuideachd 's chì sinn am briathrachas a bh' aig na seann daoine.

"Ach nuair a tha am briathrachas air a dhol car ro sheann-fhasanta, saoilidh mi gu bheil an t-àm ann ùrachadh a dhèanamh orra.

"No bidh daoine dìreach a' smaoineachadh gur e seann sgeulachdan a bhuineas don là an-dè a th' annta, an àite sgeulachdan a dh'fhaodadh a bhith beò fhathast an-diugh," thuirt e.