Dragh mu chìsean maoraich

Eisirean Image copyright Getty Images

Tha companaidhean maoraich ann an Earra-Ghàidheal ag ràdh gun tig àrdachadh mòr air na cosgaisean às-mhalairt aca air sàilleabh chìsean na Comhairle.

Thuirt tè de na companaidhean, Eisirean Loch Fìne, gu bheil na tha iad a' pàigheadh don ùghdarras ionadail 'son teisteanasan slàinte 30 turas nas àirde a-niste na bha e o chionn dà bhliadhna.

Tha a h-uile bloigh bìdhe is druthag deoch a tha Alba a' cur gu dùthchannan taobh a-muigh an EU feumach air teisteanas slàinte.

Tha na teisteanasan gan toirt seachad leis na comhairlean, ach tha na thathas a' paigheadh air an son ag atharrachadh gu mòr bho sgìre gu sgìre.

Tha Eisirean Loch Fìne ag ràdh gu bheil cunntas de £125,000 aca ri phàigheadh am-bliadhna.

Tha iad ag ràdh gu bheil cosgais gach teisteanais air leum bho £17.50 gu £91.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gun deach na cìsean an-àirde gus pàigheadh airson an t-siostaim shàbhailteachd bhìdhe, agus gu bheil buidseat an ùghdarrais a' crìonadh gach bliadhna.

Thug a' bhuidheann Biadh is Deoch Alba rabhadh seachad gum faodadh cosgaisean mar seo cron a dhèanamh air gnìomhachas luach £1bn, a tha mar thà fo sgàil Bhrexit.