Eileanan "cugallach" le Brexit cruaidh

Na h-Eileanan Siar

Bidh na h-Eileanan Siar am measg nan sgìrean as motha a dh'fhulaingeas ma dh'fhàgas Breatainn an EU gun aonta.

Sin beachd Àrd-Chomhairliche Eaconomach Riaghaltas na h-Alba, a tha a' tomhas gum biodh eadar an còigeamh agus ceathramh cuid de luchd-obrach nan Eilean ann an suidheachadh cugallach le Brexit cruaidh.

"Tha mi a' smaoineachadh gum biodh a' bhuaidh aig Brexit gun aonta air Alba gu math dona," thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan.

"Chan e dìreach an aithisg seo a tha ag ràdh sin, tha mi a' smaoineachadh a-nis gu bheil tòrr a' toirt rabhaidh mun t-seòrsa buaidhe eaconomaich a bhiodh air an rìoghachd - agus air Sasainn cuideachd feumaidh mi a ràdh.

"Ach gu sònraichte air sgìrean mar na h-Eileanan Siar.

"Sgìrean a tha a' crochadh air an iasgach, croitearachd, air luchd-obrach a' tighinn a-steach à sgìrean eile, agus sgìrean a tha a' crochadh air airgead ann an grantaichean bhon Aonadh Eòrpach cuideachd," thuirt e.