Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

25 An Gearran 2019 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha am Prìomhaire Theresa May air còmhraidhean a chumail le Seansalair na Gearmailte, Angela Merkel, aig àrd-choinneamh eadar-nàiseanta anns an Èipheit. Tha am Prìomhaire a' feuchainn ri atharrachaidhean fhaighinn le aonta Brexit. Aig a' cheart àm, tha ìmpidh ga chur air a' Phrìomhaire aig an taigh cantainn gun cuireadh i dàil air Brexit an àite an EU fhàgail gun aonta aig deireadh a' Mhàirt.

Na Làbaraich

Tha dùil gun toir Leas Cheannard nan Làbarach, Tom Watson, cuireadh dha buill phàrlamaid a dhol ann am buidheann ùr taobh a-staigh a' phàrtaidh. Tha Maighstir Watson ag ràdh gur e guth nas làidire a thoirt do bhuill an aon dòigh am pàrtaidh a chumail aonaichte. Dh'fhàg naoidhnear bhall am pàrtaidh an t-seachdain seo chaidh is iad mì-thoilichte le ceannas Mhaighstir Corbyn agus mar a tha am Pàrtaidh Làbarach air a bhith a' dèiligeadh ri casaidean mu ghràin an aghaidh nan Iùbhach.

Tubaist

Chaidh fireannach, 18, a mharbhadh ann an tubaist air an A82 seachd mìle deas air Inbhir Nis anmoch an-raoir. Thachair an tubaist mu 10.20 an-raoir. Cha deach am boireannach a bha sa chàrbad eile a bha an sàs san tubaist a ghoirteachadh gu dona. Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh bho dhuine sam bith a chunnaic an tubaist.

An grèim

Chaidh fireannach bhon Ghàidhealtachd a bha a dhìth còrr air seachdain a lorg slàn sàbhailte. Fhuair sgioba chon nam Poileas lorg air Ridseard Finnis, 30, an-dè. Chunnacas Mgr Finnis mu dheireadh ann an sgìre Slighe Chinn a' Mhìlidh ann an Inbhir Nis Disathairne an 16mh den Ghearran. Bha na Poilis ag iarraidh air daoine gun a dhol faisg air. Chaidh càr Mhgr Finnis a lorg ann an Gleann Aifric Diluain an 18mh den Ghearran, is bha iomairt mhòr a' dol gus lorg fhaighinn air stèidhichte timcheall air Canaich.

GCHQ

Thuirt ceannard GCHQ gum feumar dèanamh cinnteach gu bheil e sàbhailte leigeil dhan chompanaidh Shìonach Huawei lìonra 5G a thogail am Breatainn. Tha cuid draghail mun phlana air sgàth tèarainteachd.

Teine

Tha fireannach, 61, air bàsachadh ann an teine taighe anns na Crìochan. Chaidh sgiobannan èiginneach a ghairm chun an taigh ann an Earlston anns a' mhadainn an-dè, ach cha ghabhadh a shàbhaladh.