Boireannach air bàsachadh às dèidh tubaist

Phoebe NicCoinnich Image copyright Poileas Alba

Dh'innis Poileas Alba gun do bhàsaich boireannach a bh' ann an tubaist rathaid aig cearcall-rathaid an Rathaig Mhòir an Inbhir Nis an t-seachdain seo chaidh.

B' i Phoebe NicCoinnich, 58, às Inbhir Nis.

Thachair an tubaist goirid às dèidh uair feasgar Diciadain an 20mh den Ghearran.

Bha Phoebe a' coiseachd tarsaing an rathaid nuair a bhuail Mazda 6 dubh innte.

Cha deach dràibhear a' chàir a ghoirteachadh ann.

Chaidh Phoebe NicCoinnich a thoirt a dh'Ospadal an Rathaig Mhòir is an uairsin a dh'Ospadal Rìoghail Obar Dheathain, ach bhàsaich i an sin.

Smuaintean

Dh'innis a teaghlach gun robh i na màthair, màthair-chèile agus seanmhair, is gun robh gràdh mòr aca oirre.

Thuirt iad gum bi iad ga h-ionndrainn gu mòr.

Thuirt na Poilis gu bheil na smuaintean aca le teaghlach is caraidean Phoebe.

Dh'innis iad gu bheil iad mar-thà air bruidhinn ri grunn dhaoine ann an co-cheangal ris a' chùis.

Dh'iarr iad air duine sam bith eile le fiosrachadh fios a chur orra tro 101 is le àireamh NN1215/19 a thoirt seachad.

Thuirt fear de chomhairlichean Inbhir Nis, Donnchadh Mac a' Phearsain, gu bheil ceistean ann mu shàbhailteachd aig cearcall-rathaid an Rathaig Mhòir.

Dh'innis e gu bheilear a' coimhead air gnothaichean a leasachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile