Fireannach an grèim ann an Inbhir Nis

Poileas Alba

Dhearbh na Poilis ann an Inbhir Nis gun deach fireannach, 30, a chur an grèim co-cheangailte ri droch thachartas ann an sgìre Chinn a' Mhìlidh den bhaile.

Chaidh boireannach a leòn gu dona san tachartas air Slighe Chinn a' Mhìlidh Disathairne an 16mh den Ghearran.

Thug na poilis taing dhan mhòr-shluagh airson an cuideachadh leis an sgrùdadh.

Tha seo a' tighinn às dèidh mar a chaidh fireannach às a' Ghàidhealtachd a bha a dhìth còrr is seachdain a lorg slàn sàbhailte.

Chunnacas Ridseard Finnis, 30, mu dheireadh ann an sgìre Slighe Chinn a' Mhìlidh ann an Inbhir Nis Disathairne an 16mh den Ghearran.

Chaidh càr Mhgr Finnis a lorg ann an Gleann Aifric Diluain an 18mh den Ghearran, is bha iomairt mhòr gus lorg fhaighinn air stèidhichte timcheall air Canaich.

Fhuair sgioba chon nam Poileas lorg air aig an deireadh-sheachdain.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile